Faodaidh, ach tha riaghailtean ann (seo iad).
Bidh co-dhiĂš aon de na putain a leanas ri taobh stuthan a ghabhas sgaoileadh, no âsgaoileinâ:
⢠Sgaoil
⢠Cuir an sà s
⢠Putain air na meadhanan sòisealta airson postadh air Facebook, Twitter agus an leithid.
Riaghailtean mu bhith a' sgaoileadh stuthan a' BhBC
Chan eil còraichean-lethbreac daonnan againn airson sgaoilein. Uaireannan bidh feum againn air cead fhaighinn bho na daoine a chruthaich an stuth. Mar sin, lean na riaghailtean seo. No cha bhi na daoine a bhios a' cruthachadh stuthan dhuinn airson a dhèanamh a-rithist.
Bidh feum agad air cead bhuainn airson a chleachdadh ann an gnĂŹomhachas, is ma dh'fhaoidhte gum bi airgead agad ri phĂ igheadh. Leugh seo ma thathar ga chleachdadh ann an gnĂŹomhachas.
Dè dhâfhaodas tu dhèanamh
Cleachd putain sgaoilidh
Airson ceangal gu ar stuthan a sgaoileadh air an là rach-lÏn agad no na meadhanan sòisealta.
Nuair a tha thu aâ sgaoileadh stuth gu na meadhanan sòisealta, âs e na cumhaichean acasan a tha buntainneach. Bu chòir dhut an cumhaichean a leughadh. (faodaidh tu an lorg air-loidhne).
Cuir an cluicheadair againn an sàs air an là rach-lÏn agad no air na meadhanan sòisealta
Ach na:
- Atharraich mar a tha an cluicheadair ag obair
- Toir stuthan a-mach Ă s
- Cuir stuth sam bith an sĂ s air nach eil putan airson a chur an sĂ s.
Tha riaghailtean eadar-dhealaichte ann airson a bhith aâ cleachdadh iPlayer. Leugh mun deidhinn an seo.
Post beachdan is brathan mu ar sgaoilein.
Fhad 's nach eil iad olc.
Rudan nach fhaod thu dhèanamh
Na cleachd sgaoilein airson adhbharan millteach no oilbheumach
Seo liosta de rudan a dhâfhaodadh a bhith millteach no oilbheumach:
⢠Ag ailiseachadh, cuir air seacharan, dèanamh leth-bhreith no aâ toirt an cliĂš bho dhaoine
⢠Aâ cur air adhart drĂšiseantachd, tombaca no innealan-cogaidh
⢠Aâ cur clann ann an cunnart
⢠CĂ il mĂŹ-laghail. Mar a bhith aâ cleachdadh cainnt grĂ in, aâ brosnachadh ceannairc no aâ briseadh lagh prĂŹobhaideachd
⢠CĂ il a mhilleadh cliĂš aâ BhBC.
Na dèan e coltach ris gun do chosg sgaoilein airgead
Chan fhaod thu pĂ igheadh iarraidh airson ar sgaoilein a chleachdadh. Ma chuireas tu iad air lĂ raich a tha ag iarraidh pĂ igheadh airson stuthan, feumaidh tu a rĂ dh gu bheil iad rim faicinn an-asgaidh.
Na dèan iad nas nochdte na stuthan nach eil bhon a' BhBC
No dhâfhaodadh e bhith aâ coimhead mar gu bheil sinn aâ cur taic riut. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chruthachadh dhut fhèin anns nach eil ach na sgaoilein againne.
Na Ă ibheisich do dhĂ imh ris aâ BhBC
Chan fhaod thu a rĂ dh gu bheil sinn aâ toirt taic, aâ cur air adhart, aâ solarachadh no aâ gabhail deagh bheachd ort. Na cleachd sgaoilein air adhbharan poilitigeach. Agus chan fhaod thu a rĂ dh gur ann agadsa a-mhĂ in a tha cead ar stuth a chleachdadh.
Na dèan ceangal eadar stuthan aâ BhBC agus sanasachd no goistidheachd
Tha sin aâ ciallachadh nach fhaod thu:
⢠Stuth sam bith eile a chur eadar an ceangal chun an sgaoilein agus an sgaoilean fhèin. Chan fhaod thu sanasan no bhidiothan goirid a dhâfheumas daoine fhaicinn a chleachdadh
⢠Sanasan a chur rin taobh no thairis orra
⢠Sanasan a chur ann an duilleig sam bith no app anns a bheil mòr-chuid de sgaoilein
⢠Sanasan co-cheangailte rin cuspair a chur ri taobh sgaoilein. Ma tha sgaoilean agad mu bhrògan chan fhaod thu sanas mu bhrògan-ruith a chur faisg air
⢠Stuthan a bharrachd a chur ris a chiallaicheadh gun dèanadh tu airgead bhuapa.
Na bi meallta mu cò às a thà inig iad
Chan urrainnear am fios mu chòraichean a thoirt air falbh no atharrachadh, no beachd a thoirt gur e cuideigin eile a chruthaich iad.
Na thâ agad ri dhèanamh
Cleachd an dreach as Úire. Na toir air falbh tagaichean no tracadh sam bith. Agus dèan cinnteach gu bheil e air fhoillseachadh gu ceart.
Cuir aithneachadh ris (mur eil sin air cheana):
⢠Bho â BBC News
⢠bbc.com/news
⢠BBC Sport
⢠bbc.co.uk - Š còraichean (aâ bhliadhna an seo) BBC
Ma ghabhas e dèanamh, cuir ceangal-lĂŹn chun an Ă ite san dâfhuair thu an sgaoilean. Dèan cinnteach gu bheil e ag obair agus na cuir cĂ il eadar an t-aithneachadh agus an ceangal-lĂŹn.