Tìoraidhair fhoillseachadh aig 14:32 GMT
Tùs an deilbh, CMALAgus sin e bhuainn feasgar an-diugh, taing 'son a bhith còmhla rinn.
Chaidh Riaghaltas na h-Alba a cheasnachadh mu aiseagan ann am Pàrlamaid na h-Alba
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil Gàrradh Cemre is CMAL ag obair gu dìcheallach gus an MV Isle of Islay a chur ann an seirbheis cho luath 's ghabhas
Cha deach ceann-là a thoirt seachad ge-tà airson am bàta a thoirt seachad
Dhearbh an rùnaire cuideachd nach eil cosgais nan ceithir bàtaichean a thathar a' togail san Tuirc air a dhol suas
Air a dheasachadh le Eilidh NicLeòid, Ruairidh MacÌomhair is Dòmhnall Pollock.
Tùs an deilbh, CMALAgus sin e bhuainn feasgar an-diugh, taing 'son a bhith còmhla rinn.
Agus cha d' fhuair sinn fiù 's macaroni às!
Sin na ceistean air na h-aiseagan seachad ma-tha.
Dè dh'ionnsaich sinn?
Cha deach ceann-là a thoirt seachad 'son an MV Isle of Islay a chur ann an làmhan CMAL, is Fiona Hyslop ag ràdh gu bheil gnothaichean a thaobh sin "anns na buillean mu dheireadh".
Thuirt i cuideachd gu bheil an riaghaltas an dòchas às dèidh sin am pròiseas airson nan trì bàtaichean eile a dhèanamh nas sgiobalta - seach sia mìosan a bhith eatorra.
Agus dhearbh i nach eil cosgais nam bàtaichean air èirigh.
A thuilleadh air sin cha robh cus ùr againn feasgar an-diugh.
Thuirt Fiona Hyslop gu bheil obair-chàraidh gu math cudromach agus gu bheil e cudromach gum bi conaltradh ceart ga dhèanamh a rèir sin.
Thuirt i gum bi co-chomhairleachadh ga dhèanamh mu na chaidh a mholadh air an eilean.
Thuirt i, a thuilleadh air sin, gum biodh buannachd ann do Chumaradh Mòr bho aiseagan ùra air an lìonra air fad.
Thog i cuideachd air còrr air £10m a tha an riaghaltas air a chosg air laimrig agus goireasan ùr eile air a' chidhe.
Tha Katy Clark air ceist a bharrachd a thogail mu draghan ann an Cumaradh Mòr mu uinneagan obair càraidh a tha CalMac a' moladh. Tha i ag ràdh gu bheil dragh ann gum faodadh gearradh a thighinn nan cois do sheirbheisean aiseig an eilein. Thuirt i gum bu chòir na molaidhean seo a bhith gan leigeil seachad agus dh'iarr i air Fiona Hyslop am b' urrainn dhi dearbhadh nach bi lùghdachadh ann air na seirbheisean dhan eilean.
Tha Fiona Hyslop ag ràdh gu bheil an Glen Sannox air tighinn a-steach gu seirbheis anns na mìosan mu dheireadh is gu bheil dùil ris an Isle of Islay a dh'aithghearr - is gu bheil cùmhant air a thoirt seachad 'son seachd aiseagan beaga.
Thog i cuideachd air cùmhnant ùr ChalMac, a chaidh a thoirt seachad gu dìreach.
Tha Katy Clark air a' cheist aicese a chur: dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gus seirbheisean aiseig a dhìon is a leasachadh.
A' freagairt na dàrna ceist aig Sue Webber, thuirt Fiona Hyslop gun dèanadh na deuchainnean mara cinnteach gum biodh na h-aiseagan deiseil airson a dhol ann an seirbheis agus nach biodh càradh a dhìth orra.
Tha i a' coinneachadh tric le CMAL feuch ciamar a tha cùisean a' dol, thuirt i, agus tha CMAL fhèin a' dol gu Gàrradh Cemre tric airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a' dol mar bu chòir.
Chan eil mòran bhall an làthair airson an deasbaid seo - gu dearbh fhèin chan eil an seòladh a tha seo làn idir.
Dh’fhaighnich Sue Webber ceist a bharrachd mun dàil a chaidh ainmeachadh an t-seachdain a chaidh leis an MV Isle of Islay. Chuir i ceist air Fiona Hislop mu na tha i a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach nach bi dàil leis na soithichean eile.
Tha Fiona Hyslop ag ràdh gu bheil Gàrradh Cemre is CMAL ag obair gu dìcheallach gus an MV Isle of Islay a chur ann an seirbheis cho luath 's ghabhas.
Thuirt i gu bheilear an dòchas às dèidh sin gun tèid na trì bàtaichean eile a thoirt seachad nas luaithe na bha dùil - bha sia mìosan gu bhith eatorra.
Tha i ag ràdh nach eil a' chosgais 'son nam bàtaichean air a dhol suas.
Ach cha robh ceann-là aice 'son toirt seachad an Isle of Islay.
Tha Sue Webber a-nis a’ bruidhinn. Tha i a’ faighneachd dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh airson dèanamh cinnteach gun tig na h-aiseagan a thathar a' togail do ChalMac san Tuirc a rèir a' chlàir-ama is buidseit a chaidh aontachachadh.
Tha an dàrna ceist nas fharsaing is Katy Clark a' faighneachd dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gus seirbheisean aiseig a dhìon is a leasachadh.
Tha deasbad a' dol gu cunbhalach air sin is ceistean às ùr anns na seachdainean mu dheireadh mu structar riaghlaidh nan aiseagan agus mu càite (is cuine) a thèid an t-aiseag ùr an àite an MV Lord of the Isles a thogail.
Agus gu leòr eile.
Chì sinn dè dìreach na gnothaichean a bhios air an deasbad is àm nan ceistean gus tòiseachadh an ceartuair.
Bha sinn ag ràdh an siud gu bheil dùil gun tèid an MV Claymore a chur air bhog tràth ann an 2026.
Chaidh an MV Lochmor, am bàta eile a bhios air slighean Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeirt, a chur air bhog aig Gàrradh Cemre as t-samhradh.
Bidh na bàtaichean seo a' dol an àìte an MV Hebrides.
Seo bhideo à cur air bhog an Lochmor. Nach i a tha a' coimhead snog?
Bhideo: CMAL
Tùs an deilbh, CMALAch cha deach cùisean dìreach mar a bha dùil le aiseagan na Tuirce nas motha.
Bha dùil bho thùs gum biodh an Isle of Islay ann an làmhan CMAL san Dàmhair 2024 agus an MV Loch Indaal tràth ann an 2025.
Tha an dà bhàta fhathast san Tuirc.
Tha CMAL ag ràdh gur e gainnead luchd-obrach agus duilgheadasan le stuthan togail as coireach.
A rèir an fhiosrachaidh as ùire a thàinig bho CMAL aig deireadh na mìos sa chaidh, bha iad fhathast an dòchas gun gabhadh iad sealbh air an MV Isle of Islay ron Nollaig, ach thug iad rabhadh seachad gur e "dùbhlan" a bhiodh ann.
Thuirt iad cuideachd gur e an "ath chlach-mhìle" a bhios ann cur air bhog an MV Claymore sa chiad chairteal de 2026 - agus gu bheil na cosgaisean mar a bha dùil.
Dè dìreach an ìre aig a bheil cùisean a-nise?
Uill 's dòcha gum bi sin beagan nas soilleire às dèidh deasbad an là an-diugh.

Agus às dèidh gach dàil is connspaid a bh' ann a thaobh Slige 802 is cùmhnant Gàrradh MhicFheargais, abair gun deach toileachas a dhèanamh nuair a thòisich obair air aiseagan ùra nan Eilean Siar san Tuirc.
Aiseagan fa leth dha Uibhist a Tuath is na Hearadh is dòchas gun tigeadh iad an ìre mhath sgiobalta agus aig a' phrìs a chaidh aontachadh bho thùs.
'S beag an t-iongnadh gun robh coltas cho dòigheil air Ùisdean Robasdan is e a' tadhal air Gàrradh Cemre 'son toiseach na h-obrach fhaicinn.
Tha ceithir aiseagan ùra do ChalMac gan togail aig Gàrradh Cemre san Tuirc an-dràsta.
Bidh an MV Isle of Islay is an MV Loch Indaal a' frithealadh air Ìle.
'S ann a bhios an MV Lochmor is an MV Claymore a' seòladh eadar an t-Eilean Sgitheanach is na h-Eileanan an Iar.
Bhiodh tè dhiubh a' seòladh eadar Ùig is Loch nam Madadh is an tè eile bho Ùig gu ruige an Tairbeart.
Bha dùil bho thùs gur e Slige 802 - aiseag a thathar a' togail fhathast aig Gàrradh MhicFheargais is air a bheil a-nise an MV Glen Rosa - a bhiodh air slighean an Triangle.
Chaidh na planaichean sin atharrachadh às dèidh a' bhùraich a tha air a bhith ann aig Gàrradh MhicFheargais is an cùmhnant sin fada, fada air dheireadh, is fada, fada thairis air buidseat.
Gheibhear tuilleadh mun seo uile an seo (rabhadh - tha e a cheart cho fada!)
'S e gu ìre mhòir am bùrach sin air Chluaidh a dh'fhàg gun deach na bàtaichean ùra air a bheil sinn a' bruidhinn an-diugh a thogail san Tuirc.
Tùs an deilbh, Getty ImagesThèid na ceistean a chur mar phàirt de sheisean ceasnachaidh air ministearan le uallach airson atharrachadh na gnàth-shìde, cumhachd is còmhdhail.
Tha co-dhiù dà cheist co-cheangailte ri aiseagan.
An toiseach thig ceist bho Sue Webber, BPA Tòraidheach airson Lodainn.
Tha i a' faighneachd dè tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh airson dèanamh cinnteach gun tig na h-aiseagan a thathar a' togail do ChalMac san Tuirc a rèir a' chlàir-ama is buidseit a chaidh aontachachadh.
Bidh ceist eile às dèidh sin bho Katy Clark, BPA Làbarach airson Taobh Siar na h-Alba.
Tha a' cheist sin a' faighneachd dè na ceumannan a tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail gus seirbheisean aiseig do choimhearsnachd eileanach a dhìon is a leasachadh.
Tha suidheachadh nan aiseagan air ais air a' chlàr-ghnothaich aig luchd-poileataigs na h-Alba an-diugh is buill bho na pàrtaidhean dùbhlanach gu bhith a' ceasnachadh an riaghaltais.
Thèid mìneachadh iarraidh an dà chuid mu na h-aiseagan ùra a thathar a' togail do ChalMac san Tuirc agus cuideachd mu sheirbheisean aiseig san fharsaingeachd.
'S toigh leinn deagh sgeulachd aiseig an seo aig BBC Naidheachdan is bheir sinn thugaibh am fiosrachadh mar a thig e bho sheòmar na pàrlamaid às dèidh 2f.
Cur air an coire ma-thà....tha sinn an dòchas gun còrd an turas ribh.