🌐 AI搜索 & 代理 主页

Spòrs

Latest updates

  1. ICT troimhe air èiginnair fhoillseachadh aig 09:29 GMT

    Chaidh Caley Thistle air adhart dhan cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba oidhche Chiadain, ged nach robh oidhche ro chofhurtail aca an aghaidh Tranent ann an Lodainn an Ear.

    'S ann an Haddington a chaidh an geama a chluich às dèidh nan trioblaidean le pàirc Tranent is chaidh ICT air thoiseach le tadhal bho Mitchell Robertson às dèidh 17 mionaidean.

    Bha Tranent co-ionnan tro Sam Jones às dèidh 25 mionaidean, mus do chuir Chanka Simba ICT 2-1 air thoiseach ro letheach slighe.

    'S ann mar sin a chrìochnaich e, ged a bha Tranent gu làidir den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn sa mhionaid mu dheireadh.

    Bidh Caley Thistle a-nise an aghaidh Spartans san ath-chuairt air deireadh-seachdain an 17mh den Fhaoilleach.

  2. Tranent v ICT mu dheireadh thallair fhoillseachadh aig 14:05 GMT 10 An Dùbhlachd

    Air a' cheathramh oidhirp tha dùil gun tèid an geama eadar Tranent agus Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa na h-Alba a chluich a-nochd.

    B' fheudar an geama san treas cuairt a chur dheth air sgàth thrioblaidean le pàirc Tranent.

    Chaidh co-dhùnadh Diluain an geama a ghluasad gu Millfield, dachaigh Haddington Athletic.

    Dh'ainmich Tranent an-diugh gu bheil àireamh bheag de thiceadan ri fhaotainn airson a' gheama leis gun deach barrachd na bha iad a' sùileachadh a thilleadh thuca.

    Bha iad air a h-uile ticead a reic ron a' chiad oidhirp air a' gheama a chluich.

    Cluichidh an sgioba a bhuannaicheas an aghaidh Spartans san ath-chuairt an ath-mhìos.

  3. County troimhe ann an Cupa Dùbhlan na h-Albaair fhoillseachadh aig 11:10 GMT 10 An Dùbhlachd

    Rinn Ross County adhartas ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba oidhche Mhàirt às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Celtic B 4-0.

    Chuir dà thadhal air gach taobh de leth-ùine bho Jay Henderson agus Ross Docherty County air adhart.

    Fhuair Jamie Lindsay dà thadhal anmoch sa gheama airson gleans a chur air a sgòr dha na Staggies.

    Tha aire Chounty a-niste a' tionndadh air ais gu bhith a' feuchainn ri èirigh far bhonn an Championship, is iad gu bhith a' cluich Raith Rovers Disathairne.

    Thug Stoirm Bram buaidh air mòran gheamaichean eile ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba ge-tà le sia air an cur dheth air sgàth na droch shìde.

    Bha cuid de luchd-leantainn feargach le cho anmoch is a chaidh cuid dhiubh an cur dheth.

    Cha deach co-dhùnadh an geama eadar Queen of the South agus Dun Phàrlain a chur dheth gu às deidh an uair a bha an geam còir tòiseachadh.

    Thèid an taghadh airson cuairt na 16 mu dheireadh dhen fharpais a chumail Diardaoin aig 1f.

  4. ICT a' dèanamh air Haddingtonair fhoillseachadh aig 16:28 GMT 8 An Dùbhlachd

    Scott KellacherTùs an deilbh, SNS

    Chaidh dearbhadh gun tèid an geama eadar Caley Thistle is Tranent ann an Cupa na h-Alba a chluich ann an Haddington oidhche Chiadain.

    Tha trioblaidean le pàirc Tranent air fàgail gun deach an geama a chur dheth trì tursan gu seo.

    'S e sin as coireach gu bheil e a-nise air a ghluasad beagan mhìltean sìos an A1 gu Millfield, dachaigh Haddington Athletic.

    Tòisichidh an geama Diciadain aig 7:45f.

    Thèid an sgioba a nì a' chùis an aghaidh Spartans san ath chuairt.

    Ann an naidheachd eile Diluain chaidh Scott Kellacher aig ICT ainmeachadh mar mhanaidsear na mìos ann an Lìog 1 'son na Samhna.

    Rinn Inbhir Nis an gnothach tron mhìos air Mon Rois, Cove Rangers is Queen of the South is bha iad co-ionnan an aghaidh Alloa.

  5. Docherty fo chuideam an Inbhir Pheofharain?air fhoillseachadh aig 09:27 GMT 8 An Dùbhlachd

    Tony Docherty is coltas iomagaineach air Disathairne is Ross County a' call 2-1 ri Airdrieonians.Tùs an deilbh, SNS

    Dè dìreach a tha air a dhol ceàrr ann an Inbhir Pheofharain?

    'S e sin a' cheist a tha air gu leòr is Ross County a-nise air tuiteam gu bonn an Championship às dèidh call 2-1 ri Airdrieonians air an deireadh-sheachdain.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ailig O'Henley nach eil piseach idir air tighinn air cùisean mar a bha dùil bho ghabh Tony Docherty an stiùir aig deireadh na Sultuine.

    "Tha fios gu bheil a dhreuchd-san fo bheagan de chuideam a-nise", thuirt Ailig.

    Mura buinnig iad an ath gheama chanadh tu gum biodh co-dhùnadh aig Roy MacGriogair timcheall air àm na Nollaige agus chan e Bodach na Nollaige a bhios e a' cluich idir".

    Thèid County a Chair Chaladain Disathairne airson a dhol an aghaidh Raith Rovers.

    Tha ceistean de sheòrsa air choireigin eile aig sgioba eile na Gàidhealtachd.

    Chaidh an geama ann an Cupa na h-Alba eadar Caley Thistle is Tranent a chur dheth an dàrna turas Disathairne is a' phàirc ann an Lodainn an Ear fo uisge.

    Bha dùil an geama a chluich oidhche Luain ach chaidh a chur dheth an treas turas Didòmhnaich.

    Tha fios ri brath eile tràth san t-seachdain a thaobh dè thachras a-nise.

  6. Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 19:59 GMT 5 An Dùbhlachd

    Ainm na h-Alba san taghadhTùs an deilbh, PA

    Bidh Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinne còmhla ri Brasil, Morogo is Haiti.

    Bidh geamaichean na h-Alba eadar Atlanta, Boston, Miami, New York/New Jersey agus Philadelphia is sin ri dhearbhadh fhathast.

    Gheibhear am fiosrachadh uile an seo.

  7. Taghadh Chupa na Cruinne - ciamar a tha e ag obair?air fhoillseachadh aig 12:53 GMT 5 An Dùbhlachd

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan eil fada ri feitheamh a-nis airson faighinn a-mach cò bhios aig Alba anns a' bhuidheann aca aig Cupa na Cruinne 2026.

    Thèid an taghadh airson na farpais ann an Canada, Meagsago agus na Stàitean Aonaichte a chumail ann an Washington DC aig 5f Dihaoine.

    Ron an taghadh fhèin, gabhaidh luchd-ciùil leithid Andrea Bocelli, Robbie Williams agus Nicole Scherzinger chun àrd-ùrlar, le dùil cuidechd gun toir an Ceann-suidhe Trump agus Ceann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, òraidean seachad.

    Bidh seann chluicheadair Mhanchester United, Rio Ferdinand, a' stiùireadh an taghaidh le rionnagan spòrs Ameireaganach leithid Tom Brady, Wayne Gretzky agus Shaquille O'Neal an-sàs cuideachd.

    Aon uair is gum bi an taghadh seachad, gabhaidh The Village People "YMCA" airson cùisean a thoirt gu ceann, le dùil gum mair a' chùis air fad mu thimcheall air 90 mionaid.

    Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan air a bhith a' toirt sùil air mar a bhios an taghadh ag obair.

  8. Dùbhlan do sheann cheann-suidhe Chomann na Camanachd aig sgioba na Manachainnair fhoillseachadh aig 11:52 GMT 5 An Dùbhlachd

    Steven MacCoinnich co-mhanaidsear ùr sgioba iomain na Manachainn

    Tha Steven MacCoinnich, a bha na cheann-suidhe air Comann na Camanachd eadar 2020 is 2023, gu bhith ag obair còmhla ri Jamie MacIllinnein os cionn sgioba iomain na Manachainn.

    Bha seusan gu math doirbh aca am-bliadhna agus iad air a dhol sìos dhan Roinn Nàiseanta.

    Thuirt MacCoinnich gun robh an sguad a th' aca gu math òg agus gun robh iad airson barrachd chluicheadairean fhaighinn.

    Thuirt e cuideachd gun robh e doirbh dhaibh tadhail fhaighinn agus gum feumadh iad freagairt a lorg dhan sin.

    'S e a' chiad gheama a bhios aig MacCoinnich is MacIllInnein aig an stiùir geama Chupa MhicShimidh eadar iad fhèin is na nàimhdean ionadail Lòbhat air an 2mh den Fhaoilleach 2026.

  9. "Tha a' bheing cho cho cudromach aig ìre phroifeiseanta..."air fhoillseachadh aig 16:13 GMT 4 An Dùbhlachd

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Feumaidh Alba agus Griogair Townsend obair a dhèanamh air aon rud sònraichte ro Chupa na Cruinne 2027 a-rèir Aaron Ingram

    Chaidh Sgioba Rugbaidh na h-Alba a thaghadh an aghaidh Èirinn, Uruguay, agus a' Phortagail ann am Buidheann D aig Cupa na Cruinne 2027.

    Chluich Alba ceithir geamaichean air a'mhìos a chaidh aig Pàirce Murrayfield - geamaichean a dh'fhàg mì-chìnnt am measg an luchd-taic.

    Às dèidh dhaibh buannachadh 85-0 an aghaidh nan Stàitean Aonaichte, chaill iad a-mach air deagh chothrom a' chùis a dhèanamh air New Zealand airson a' chiad uair a-riamh le cùisean a' crìochnachadh 17-25.

    Ach b' e an geama an aghaidh Argentina a dh'adhbhraich fearg le Alba a call aig a' cheann thall agus iad air a bhith 21-0 air thoiseach tràth san dàrna leth.

    Bhuannaich iad 56-0 an aghaidh Tonga sa gheama mu dheireadh.

    Tha Aaron Ingram, a bhios a' leantainn na sgioba, den bheachd gum bu chòir Griogair Townsend co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh air thoiseach air Cupa na Cruinne 2027.

  10. Spòrscast: Iomain nam banair fhoillseachadh aig 11:48 GMT 4 An Dùbhlachd

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan iomain nam ban.

    Tha spiorad na Nollaig againn san Spòrscast as ùire is Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan inntinneach, adhartach is spòrsail ann an iomain nam ban.

    Am measg eile, tha moladh aca airson sgioba Loch Abair is an obair chruaidh a dh'fhàg iadsan cho soirbheachail sa Phrìomh Lìog.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds.

  11. Taghadh Chupa Rugbaidh na Cruinne 2027air fhoillseachadh aig 10:47 GMT 3 An Dùbhlachd

    Caelan Doris aig Èirinn a' faighinn caoidhteas a' bhuill fhad 's a tha Huw Jones ga thoirt gu làr le Finn Russell a' coimhead orra.Tùs an deilbh, Getty Images

    Chaidh Alba a thaghadh còmhla ri Èirinn, Uruguay agus Portagail airson Cupa Rugbaidh na Cruinne 2027.

    'S e seo an treas turas ann an sreath a thèid Alba an aghaidh na h-Èireann ann an ìre na buidhne dhen fharpais.

    Am measg nam buidhnean eile tha Àstralia, a tha a' cumail na farpais, còmhla ri New Zealand, Sasainn còmhla ris a' Chuimrigh agus Afraga a Deas, a bhuannaich an fharpais an turas mu dheireadh, leis an Eadailt.

    Tha barrachd sgiobaidhean ann an Cupa na Cruinne an turas seo na bh' ann a-riamh roimhe le 24 a' gabhail pàirt uile gu lèir.

    Bidh an fharpais ann eadar 1 An Dàmhair - 13 An t-Samhain 2027 thar seachd bailtean ann an Àstrailia le sia buidhnean de cheithir sgiobaidhean.

    Thèid an dà sgioba aig mullach gach buidheann troimhe le na ceithir sgiobaidhean as fheàrr a chrìochnaich san treas àite cuideachd a' dèanamh adhartais gu cuairt na 16 mu dheireadh.

  12. Sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad an Cupa na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:18 GMT 1 An Dùbhlachd

    Banks O' Dee is Ross CountyTùs an deilbh, SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    Cha robh feasgar furasta aig County aig Spain Park

    Bidh sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad sa cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba - ged nach eil àite Inbhir Nis air a dhearbhadh fhathast.

    Chaidh geama ICT air falbh an aghaidh Tranent Disathairne a chur dheth is na sgiobaidhean a-nise gus feuchainn a-rithist Disathairne seo tighinn.

    Rinn Ross County adhartas air a' cheann thall 2-0 an aghaidh Banks O' Dee ann an Obar Dheathain, ged nach tàinig an tadhal cudromach gus an geama a mharbhadh chun nan deich mionaidean mu dheireadh.

    Chaill Clach na Cùdainn 4-1 air falbh an aghaidh Stenhousemuir.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich is County gus siubhal gus cluich an aghaidh Thobar na Màthar.

    Ma nì ICT an gnothach air Tranent bidh turas aca a Dhùn Èideann is geama an aghaidh Spartans.

    Bidh na geamaichean ann air deireadh-seachdain an 17mh is 18mh den Fhaoilleach.

  13. Spòrscast còmhla ri Derek MacAoidhair fhoillseachadh aig 14:24 GMT 29 An t-Samhain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Derek MacAoidh agus an sgioba a' toirt sùil air deireadh-sheachdain làn ball-coise.

    Le geamaichean a' dol san treasamh chuairt de Chupa na h-Alba agus sa Phrìomh Lìog a thuilleadh air sgioba nam ban aig Alba a' cluich gheamaichean càirdeil.

    A bharrachd air a sin, tha iad a' coimhead air iomain, croladh, rugbaidh 's Formula 1.

  14. Riaghailtean chlogaidean air an teannachadhair fhoillseachadh aig 20:49 GMT 28 An t-Samhain

    Cabar Fèidh an aghaidh Cheann Loch Seile

    Bhòt buill Chomann na Camanachd gus riaghailtean a thaobh cleachdadh chlogaidean san spòrs a neartachadh.

    Chaidh gabhail ri moladh bhon bhuidhinn riaghlaidh a tha a' ciallachadh gum feum gach cluicheadair clogaid a chur orra bho thoiseach 2027.

    Bidh e riatanach dhan a h-uile cluicheadair cluich le clogaid a tha a' dìon an aodainn bho thoiseach seusan 2030.

    Dhiùlt Coinneamh Bhliadhnail Chomann na Camanachd sa Ghearasdan oidhche Haoine gabhail ri oidhirp bho sgiobaidhean leigeil le còig atharrachaidhean far na beinge ann an geamaichean.

    Chualas cuideachd aig an AGM gu bheil an àireamh de bhuill bhoireann air èirigh cha mhòr 9% am-bliadhna.

    'S e boireannaich a th' ann an cairteal de bhallrachd Chomann na Camanachd a-nise.

    A thuilleadh air seo, chaidh an goilfear cliùteach Raibeart Mac an t-Saoir ainmeachadh mar bhall urramach de Chomann na Camanachd.

    Tha Mac an t-Saoir, a tha aithnichte 'son a cheagal ri Ceiltich an Òbain, tric air bruidhinn mu cho cudromach 's a tha iomain dha agus dha theaghlach.

  15. Ceistean aig Pittodrieair fhoillseachadh aig 11:07 GMT 28 An t-Samhain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha oidhche thrang is rudeigin measgaichte aig sgiobaidhean Albannach san Roinn Eòrpa Diardaoin.

    Ann an Lìog Europa rinn Celtic an gnothach 3-1 air Feyenoord ann an Rotterdam is bha Rangers co-ionann 1-1 an aghaidh Sporting Braga aig Ibrox.

    'S e 1-1 a bh' ann aig Pittodrie cuideachd eadar Obar Dheathain is FC Noah ann an Lìog Conference UEFA - is dùbhlan fhathast ro na Dons ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Iain MacDiarmaid gu bheil e fhèin am measg luchd-taice nach eil cinnteach fhathast an e Jimmy Thelin an duine ceart 'son a bhith aig an stiùir aig Pittodrie.

  16. Spòrscast: Seusan iongantach eile ann an teanasair fhoillseachadh aig 17:12 GMT 27 An t-Samhain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Seusan inntinneach eile ann an Teanas

    Abair paidhir - bha Carlos Alcaraz agus Jannick Sinner a' sabaid gu cruaidh airson a' chiad àite ann an rangannan teanas na bliadhna.

    Tha Javen Houston a' bruidhinn ri Ailean Peutan mun sin agus gu leòr eile ann an Spòrscast na seachdain sa.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds

  17. Maoineachadh spòrs anns na h-Eileanan an Iar a' fuireach aig an aon ìreair fhoillseachadh aig 12:57 GMT 26 An t-Samhain

    Camanachd Leòdhais le bratach Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh.Tùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
    Fo-thiotal an deilbh,

    Camanachd Leòdhais, a tha am measg iomadh buidheann spòrs anns na h-Eileanan an Iar a tha a' faighinn taice tro shiostam Clubspòrs

    Dh'aontaich Comataidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar gus maoineachadh airson na buidhnean Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh a chumail aig an aon ìre.

    'S iad na buidhnean seo a tha a' cumail taic-airgid ri clubaichean is buidhnean spòrs aig ìre na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.

    Gheibh iad £10,000 is £6,000 ann an 2025/26.

    Chaidh buidseatan nam buidhnean a ghearradh roimhe ann an 2024/25 bho £13,000 is £8,500.

    Ged a dh'iarr Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh gun rachadh am maoineachadh acasan a thilleadh gu £13,000, dh'aontaich a' chomataidh a chumail aig an aon ìre.

    Thuirt aithisg a chaidh air beulaibh na comataidh gu bheil am prògram maoineachadh aig Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh ag obair gu math is gu bheil e a' brosnachadh dhaoine gu h-ionadail gus a dhol an sàs ann an spòrs "aig a h-uile ìre".

    Thuirt e cuideachd gu bheil cunnart ann nach ruig luchd-spòrs ionadail an ìre as àirde as urrainn dhaibh mura h-eil airgead ann an cur gu farpaisean air tìr-mòr is farpaisean eadar-eileanach.

  18. Kellacher riaraichte le puing san t-Siorrachd Bhigair fhoillseachadh aig 10:31 GMT 26 An t-Samhain

    Scott KellacherTùs an deilbh, ICT

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gun robh e riaraichte tilleadh gu tuath à Siorrachd Chlach Mhanann le puing às dèidh dhan sgioba a bhith co-ionnan 1-1 an aghaidh Alloa oidhche Mhàirt.

    Ged a bha làmh an uachdair aig Alloa sa chiad leth, 's e ICT a chaidh air thoiseach le cha mhòr am breab mu dheireadh.

    Dh'fhosgail Inbhir Nis Alloa suas gus Luis Longstaff a chur ann an rùm air a' chliathaich is chuir e am ball seachad air Liam MacPhàrlain eadar na puist, ged a bhiodh am Pàrlanach den bheachd gun robh còir aige a bhith air grèim a chumail air.

    San dàrna leth bha barrachd den bhall aig ICT ach 's e Alloa a fhuair an tadhal, Cammy O'Donnell leis nuair nach do dhèilig Inbhir Nis le breab-oisein bho Andy Clarke.

    Chrìochnaich e 1-1 is Caley Thistle a-nise ceithir puingean air thoiseach air Stenhousemuir aig mullach na lìge.

    "Tha mi a' smaointinn gun robh puing do gach sgioba ceart," thuirt Scott Kellacher às dèidh làimh.

    "Sa chiad leth bha Alloa na b' fheàrr is bha sinn 's dòcha rud beag fortanach a bhith air thoiseach.

    "San dàrna leth bha sinn fìor mhath, tòrr na b' fheàrr.

    "Aig a' cheann thall tha mi a' smaointinn gun robh 1-1 ceart."

    Tha aire ICT a-nise a' gluasad gu Cupa na h-Alba le turas gu Lodainn an Ear Disathairne is geama an aghaidh Tranent.

  19. Dragh gun tèid a' chiad Phàirce Hampden a challair fhoillseachadh aig 17:22 GMT 22 An t-Samhain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Nochd uallach am measg chuid gum faodadh gun tèid làrach a' chiad Phàirce Hampden ann an Glaschu a chall.

    Tha dùil gun dùin an cluba bobhlaigh a th' oirre an-dràsta an ath bhliadhn'.

    Bidh i an uair sin a' dol chun na buidhne a bhios a' dèiligeadh ri talamh do Chomhairle Baile Ghlaschu, gun fhios cò dh'fhaodadh a ceannach.

    Am beachd cuid, tha i seo ro chudromach do dh'eachdraidh a' bhuill-choise airson a call.

  20. "Seachdain eachdraidheil ann am ball-coise na h-Alba!"air fhoillseachadh aig 11:30 GMT 22 An t-Samhain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Iain Moireasdan agus an sgioba a' coimhead air ais air a' gheama a dhearbh gum biodh sgioba ball-coise na h-Alba aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna. Sùil air adhart ri geamannan ball-coise na deireadh-seachdain aig sgiobaidhean nam fear agus nam ban anns na prìomh lìogan. Tha sgioba rugbaidh na h-Alba an aghaidh Tonga san gheama mu dheireadh de dheuchainnean an Fhoghair agus bheir sinn sùil air ais air an iomairt gu ruige seo agus cluinnidh sinn mu fharpais criogaid na h-Ashes.

  21. MacRath a' fuireach aig an stiùir an Rèaraigair fhoillseachadh aig 17:03 GMT 20 An t-Samhain

    Willie MacRath

    Ged a tha seusan ùr na h-iomain pìos air falbh tha an t-ullachadh a' dol mar-tha is tha Ceann Loch Seile a-nise air dearbhadh gum fuirich Willie MacRath ann an dreuchd a' mhanaidseir 'son 2026.

    Thuirt an cluba gu bheil aonta aca 'son seusan eile le cothrom dà bhliadhna a chur ris ma tha iad fhèin is an sgioba choidsidh ri chèile riaraichte.

    Còmhla ri MacRath bidh leas-choidse ùr ann an Scotty Ceannadach, a bha iomadh bliadhna na chluicheadair aig a' chluba.

    Bha seusan rudeigin measgaichte aig Seile ann an 2025 is iad a' crìochnachadh san 7mh àite sa Phrìom Lìog is iad aig aon àm ann am beagan de staing sìos faisg air a' bhonn.

    'S iad ge-tà an aon sgioba a rinn an gnothach air Ceann a' Ghiùthsaich ann an geama lìge fad na bliadhna.