🌐 AI搜索 & 代理 主页

Chuir Geamannan Arcaibh £3m ri eaconomaidh na h-Alba a rèir aithisg ùir

Taylah Paterson a' buannachadh bonn òirTùs an deilbh, Kirstin Shearer/Orkney 2025
  • Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr air innse gun do chuir Geamannan nan Eilean £3m ri eaconomaidh na h-Alba nuair a chaidh an cumail ann an Arcaibh am-bliadhna.

Tharraing na farpaisean spòrs còrr air 60,000 neach tro sheachdain iongantach de dheag shìde sna h-eileanan far chosta tuath na h-Alba, agus chosg daoine co-cheangailte ri na geamannan £4.3m ann an Arcaibh.

A bharrachd orrasan, bha 1,027 neach ag obair gu saor-thoileach gus na geamannan a chumail a' dol.

Chosg e £3.6m an tachartas chur air dòigh le £700,000 a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba fo bhratach EventScotland agus £1.4m air a chosg le Comhairle Arcaibh.

Ged a bha a' mhòr-chuid air an deach beachd iarraidh airson na h-aithisge toilichte le mar a chaidh an t-seachdain, thuirt 64% de chompanaichean gun robh an teachd-a-steach acasan sìos an taca ris an aon àm am bliadhnaichean eile.

Thuirt Gòrdan Deans, Cathraiche Arcaibh 2025, gun robh na figearan "a' sealltainn gun robh luach maireannach ann an Geamannan nan Eilean" agus gum biodh "dìleab Arcaibh 2025 ri fhaireachdainn fad ghinealaichean ri thighinn".

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thèid prògram sònraichte mu thuras Sgioba nan Eilean Siar do gheamannan Arcaibh a chraoladh air BBC Alba seachdain na Nollaige

Le mu 22,000 neach a' fuireach ann, 's e Arcaibh an sgìre eileanach a bu lugha a-riamh a chuir fàilte air na geamannan.

Bha 12 spòrs an lùib an tachartais - barrachd na bhios aig Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu ann an 2026.

Ghabh 1,630 neach pàirt anns na geamannan mar farpaisich, leis an aithisg ag ràdh gun do thadhail barrachd air 4,000 neach air Arcaibh a dh'aona-ghnothaich airson an spòrs fhaicinn.

Bha 29% dhiubh sin a' tadhal air Arcaibh airson a' chiad turais, le 7% a' tadhal air Alba airson a' chiad turais.

Bha ceistean ro na geamaichean a thaobh àitichean-fuirich ach a rèir na h-aithisg, dh'fhuirich daoine seachd oidhcheannan ann an Arcaibh sa chumantas, agus chosg iad mu £100 gach là eadar àitichean-fuirich, biadh, deochan agus cosgaisean eile.

Bha cosgaisean an luchd-spòrs na b' àirde na bha do luchd-turais sa chumantas tha e coltach, le mu £105 ga chosg gach oidhche air leapannan - cuid dhiubh ann an sgoiltean is ostailean - agus mu £46 gach là air cosgaisean eile cuideachd.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le Orkney 2025

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le Orkney 2025

Le Comhairle Arcaibh a' cosg £1.4m air na geamannan bha sgoiltean nan eilean trang ro-làimh ag ionnsachadh mu na diofar dhaoine a bhiodh a' tighinn a chèilidh agus mu na h-àitichen às an tàinig iad.

Rinnear dreach sònraichte de dh'òran Peat & Diesel, 'My Island', a chaidh a thaisbeanadh aig a' chuirm fosglaidh.

Chaidh £1.8m a chosg le diofar bhuidhnean, spòrsalba nam measg, gus leasachaidhean a dhèanamh air goireasan spòrs nan eilean.

Bha cuideachd pròiseactan sònraichte ann feuch dìleab fhaicinn anns na h-àireamhan de mhuinntir Arcaibh a tha an sàs ann an spòrs - a' farpais, a' coidseadh no nam ball de chluba spòrs air choireigin.

Thuirt a' mhòr-chuid dhiubh seo gun robh iad an dùil gum biodh barrachd ùidh aca ann an spòrs air sgàth na geamannan, ach tha iomadh farpais spòrs eadar-nàiseanta air strì leis a' cheist seo thar nam bliadhnaichean agus fàs maireannach doirbh ri thomhas às dèidh beagan ùine.

Neach a' snàmh aig Geamannan nan EileanTùs an deilbh, Kirstin Shearer/Orkney 2025
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh £1.8m a chosg air leasachaidhean air goireasan spòrs Arcaibh agus dùil gun tig iomadh buannachad às a' chosgais sin thar nam bliadhnaichean ri thighinn

Aig deireadh nan geamannan, bha 11 buinn òir, 11 buinn airgid agus 9 buinn umha aig Sgioba Arcaibh. Thug Sgioba nan Eilean Siar 11 buinn òir dhachaigh, le 17 buinn a' dol a Shealtainn.

Chaidh clàr Geamannan nan Eilean a bhriseadh 27 tursan thairis air na farpaisean air fad le barrachd na 80% de na farpaisich ag innse do luchd-sgrùdaidh gun robh gach nì aig na geamannan 'math' no 'uabhasach math'.

Bha seachdain spòrsail aca an Arcaibh thuirt iad, ach tha aon rud nach eil anns an aithisg.

Dè chosg an t-sìde fìor mhath a bh' ann fad na seachdain!

Tuilleadh air an sgeulachd seo