🌐 AI搜索 & 代理 主页

Tionndadh ùr air Gruth is Uachdar

Fionnlagh Dòmhnallach - no Finlay J mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e
Fo-thiotal an deilbh,

Fionnlagh Dòmhnallach - no Finlay J mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e

  • Air fhoillseachadh

Thèid sreath ùr de Ghruth is Uachdar a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal stèidhichte air obair a' chraoladair agus sgrìobhadair Fionnlagh Dòmhnallach, no Finlay J, nach maireann.

'S e eadar-theangachadh de leughaidhean a rinn Fionnlagh sa Bheurla do Radio 4 ann an 1979 a th' anns na prògraman.

Bha na leughaidhean stèidhichte air an togail a fhuair e fhèin anns na Hearadh.

'S ann às dèidh sin a sgrìobh e na trì leabhraichean aige, Crowdie & Cream, Crotal & White agus The Corncrake & the Lysander 's e a' leudachadh air sgeulachd a bheatha.

Tha na trì leabhraichean sin fhathast rim faighinn an-diugh.

Ann an 2002 rinn am BBC sreath de phrògraman telebhisein Gàidhlig stèidhichte air na leabhraichean.

Thar na bliadhna mu dheireadh tha am BBC air a bhith a' comharrachadh 100 bliadhna bho rugadh Fionnlagh le a bhith a' craoladh phrògraman bho thasglannan rèidio agus telebhisein a' BhBC a rinn Fionnlagh.

Bha iad cuideachd airson rud ùr a chruthachadh airson an ceann-bliadhna a chomharrachadh.

Iain Urchardan
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Iain Urchadan air a dhòigh a bhith an sàs sa phròiseact

Dh'iarr iad air sgrìobhadair agus craoladair eile às na Hearadh, Iain Urchadan, na leughaidhean a bha air Radio 4 eadar-theangachadh agus le taic bhon riochdaire Annella NicLeòid chaidh sreath ùr le ochd prògraman a chruthachadh.

Thuirt Annella gur e urram agus tlachd a bh' ann a bhith ag obair air a' phròiseact: "Thug Finlay J a shaoghal òg anns na Hearadh cho beò dhuinn ann am Beurla ealanta agus dh'fheuch sinn, mar a b' fheàrr a b' urrainn dhuinn, an saoghal sin a thoirt a cheart cho beò anns a' Ghàidhlig bhrèagha Hearach a bh' aige le bhith feuchainn ri a ghuth fhèin a lorg ann a bhith ag innse an sgeòil."

Thuirt Iain Urchadan nach b' e ruith ach leum a bh' ann dha nuair a chaidh iarraidh air an t-eadar-theangachadh a dhèanamh: "B' e seo obair iomraiteach an Hearaich a b' ainmeile a bh' ann bho là Iain Gobha na Hearadh.

"Nuair a dh'iarradh orm an t-eadar-theangachadh a leughadh cuideachd 's gann gum b' urrainn dhomh creidsinn gun deadh a leithid de dh'urram a bhuileachadh orm.

"Tha mi an dòchas gun còrd sgeul Fhionnlaigh, na chainnt fhèin, ri luchd na Gàidhlig uile."

Finlay J agus a mhac, Fionnlagh
Fo-thiotal an deilbh,

Finlay J agus a mhac, Fionnlagh

Cluinnear guth seinn agus ceòl Fhionnlaigh Dhòmhnallaich, mac Finlay J agus Kathleen Dhòmhnallaich san t-sreath.

Tha e fhèin air a dhòigh cuideachd gu bheil e an sàs sa phròiseact: "'S e dòigh a th' ann dhuinn ceangal a dhèanamh tro cheòl, rud a tha mi cinnteach a bhiodh air tachairt aon là nam biodh e air a bhith còmhla rinn nas fhaide."

Thuirt banntrach Fhionnlaigh, Kathleen, gu bheil i toilichte gu bheil na sgeulachdan a' dol a-mach ann an Gàidhlig: "Is e an t-adhbhar gun deach iad a-mach ann am Beurla sa chiad àite, 's e gun deach an craoladh air Radio 4."

Cluinnear Gruth is Uachdar thar na Nollaig 's na Bliadhn' Ùire.

Thèid a' chiad phrògram a chraoladh Diluain an 22mh den Dùbhlachd aig 5:15f air BBC Radio nan Gàidheal.

Gheibhear e cuideachd air BBC Sounds.

Tuilleadh air an sgeulachd seo