🌐 AI搜索 & 代理 主页

Chan e a-mhàin gaoth a thàinig an cois Braim ach gàire cuideachd

Bram StokerTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Sgrìobh Bram Stoker an leabhar Gothic oillteil, Dracula

  • Air fhoillseachadh

'S ann mar urram don ùghdar Èireannach a chruthaich Dracula a bha Stoirm Bram air a h-ainmeachadh ach 's iongantach mura tug e triutan gàire air gu leòr de luchd-labhairt na Gàidhlig.

Ma tha comas agaibh seo a leughadh 's cinnteach gum bi fios agaibh na tha Bram a' ciallachadh an Gàidhlig na h-Albainn.

Gu dearbh, dh'fhaodadh gur e ainm air leth freagarrach airson gaoth na stoirme a th' ann.

Ma choimheadas tu san fhaclair 's e 'fart, breaking of wind (with noise)' an t-eadar-theangachadh a th' air an fhacal 'bram', ged 's e 'braim' as motha a chanas daoine.

'S e Met Éireann - Seirbheis Sìde na h-Èireann - a bhios ag ainmeachadh nan stoirmean.

Chuir sinn fios gu Met Éireann airson innse dhaibh mun àbhachdas a dh'adhbhraich an roghainn aca taobh thall Sruth na Maoile.

Ghabh iad ris gu bheil Bram gu math coltach ri 'broim', am bram aig luchd-labhairt na Gaeilge.

Tha ainm na stoirme as ùire seo mar chuimhne air Bram Stoker, an t-ùghdar Èireannach a chruthaich Dracula "whose world is of the night with the howl of the wolves mirroring the sounds of a storm".

'S e Chandra ainm na h-ath-stoirme a bhios air a' gheamhradh-sa ma thig i.

Gheibhear liosta de na h-ainmean uile a chaidh a thaghadh airson stoirmean 2025/2026 an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo