Naidheachdan 11:00m
Stoirm Bram
Tha am prìomh rathad eadar Alba agus Sasainn, an M74, fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte le buaidh Stoirm Bram. Chuir a' ghaoth car de na h-uimhir de làraidhean mòra faisg air Abington ann an Ceann a Deas Shiorrachd Lannraig. Cha deach duine a ghoirteachadh. Tha a' ghaoth a' toirt na h-uimhir de bhuaidh fhathast air seirbheisean aiseig, adhair agus rèidhle agus chaill còrr 's mìle dachaigh agus togalach an dealan.
Eaconomaidh
Tha measadh ùr gu bheil neartan sònraichte ann an eaconomaidh na h-Alba ach nach eil uimhir de dh'fhàs agus a bhiodh dàil ann an tabhartachd an dùthcha. Tha an aithisg bhon CBI, Caidreachas a' Ghnothachais agus Gnìomhachais, agus am buidheann sgrùdaidh Institiud Fraser of Allander, ag ràdh gu bheil àrdachadh mòr san airgead a tha luchd-gnothaich a' cur an sàs ann an gnìomhachas ach gu bheil na tha de dhaoine far na h-obrach fad ùine le droch shlàinte a' cur maill air fàs.
Madeleine
Tha athair Madeleine McCann, an nighean bheag trì bliadhna a dh'aois a chaidh a dhith ann an 2007, ag iarraidh air an riaghaltas laghan nas cruaidhe a chur air na meadhanan naidheachd. Chuir 31 duine an ainm ri litir ag iarraidh air a' Phrìomhaire tòiseachadh air an darna earrann de Rannsachadh Leveson air dòighean-obrach nam meadhanan.
In-imreachas
Dh'iarr Sir Keir Starmer air ministearan Eòrpach a tha aig còmhraidhean ann an Strasbourg atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil laghan chòraichean-daonna gan cleachdadh ann an in-imreachas mì-laghail. Tha na ministearan a' beachdachadh air an lagh ùrachadh gus am biodh e nas fhasa dèiligeadh ri gràisgean a tha ri cùiltearachd dhaoine agus ionadan ùra a stèidheachadh airson in-imrichean a thilleadh dhan àite às an tàinig iad.
Bun-structar
Thàinig rabhadh bho cheannardan einnseiniridh na Rìoghachd Aonaichte gum bi briseadh ann an seirbhisean dealain agus uisge a' sìor thachairt nas trice mura tèid tuilleadh airgid a chosg a' leasachadh bun-structair. Tha iad air a bhith a' rannsachadh buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air rathaidean, drochaidean agus cabhsairean.
Uibhist
Thuirt Ùisdean Robasdan, Cathraiche Còmhdhail nan Eilean Siar, gun cuidich airgead bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte le càradh rathaidean agus cabhsairean Uibhist 's Bharraigh ach gu bheil mòran a bharrachd a dhìth airson an toirt gu ìre cheart. Thèid faisg air £9m a chosg air rathaidean nan Eilean mu Dheas le taic bho stòras an riaghaltais airson ùrachadh sa choimhearsnachd.