🌐 AI搜索 & 代理 主页

Cunnart gum bi sgìrean dùthchail "bòidheach ach gun bheatha"

Tha sgìrean dùthchail na h-Alba ann an cunnart bàsachadh eadar sluagh a' fàs nas sine agus diofar sheirbheisean riatanach a' dùnadh, a rèir aithisg ùir bho Fhearann is Oighreachdan na h-Alba.

Tha sreath de 16 molaidhean san aithisg 'son feuchainn ri stad a chur air crìonadh-sluaigh ann an sgìrean dùthchail.

Seo Fionnlagh MacIllinnein.