Uaigh Mairead NicDhonnchaidh an Twickenham air a sgeadachadh

B' i Mairead NicDhonnchaidh tè de na seinneadairean Gàidhlig a bu chliùitiche sa chiad leth den 20mh Linn
- Air fhoillseachadh
Tha Còisir Ghàidhlig Lunnainn air a bhith a' comharrachadh 100 bliadhna bho thòisich Mairead NicDhonnchaidh a bhith a' seinn leotha.
'S e ainm a chuala a h-uile duine a tha an sàs ann an seinn sa Ghàidhlig, agus tè de phrìomh fharpaisean nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air a h-ainmeachadh às a dèidh.
Ban-Ìleach a choisinn am Bonn Òir aig a' Mhòd ann an Sruighlea ann an 1909.
Tha a' chòisir a-niste air an uaigh aice ath-sgeadachadh.

"Bha Mairead NicDhonnchaidh na seinneadair Gàidhlig, agus b' ise tè de na seinneadairean Gàidhlig a b' fheàrr den chiad leth den 20mh Linn," thuirt Fearghas Reoch, a bhios a' seinn le Còisir Ghàidhlig Lunnainn.
Rugadh i ann an Ìle ann an 1888, ach dh'fhalbh an teaghlach a dh'fhuireach an Glaschu 's i na nighean.
Fearghas Reoch bho Chòisir Lunnainn a' bruidhinn mun chùis
An dèidh a' Chogaidh Mhòir, dh'fhalbh i fhèin 's a dithis pheathraichean, a th' air an tiodhlacadh còmhla rithe ann an Twickenham, a Lunnainn, far an robh Mairead ag obair mar bhanaltram.
A bharrachd air sin, shoirbhich leatha gu mòr ann an Lunnainn mar sheinneadair Ghàidhlig.
Sheinn i còmhla ri Còisir Lunnainn aig a' chiad Mhòd aca ann an Grianaig ann an 1925.

"Rinn i clàraidhean, 's rinn i cuairtean an Alba agus air feadh Bhreatainn mar sheinneadair Ghàidhlig," thuirt Fearghas.
"B' e Comann Ìleach Ghlaschu a rinn bonn cuimhneachaidh air a son, agus bhon bhonn chuimhneachaidh sin thàinig duais Mairead NicDhonnchaidh, duais airson chòisirean sgìreil aig a' Mhòd.
"Bidh sinne ann an Còisir Lunnainn, agus iomadh còisir eile, a' feuchainn airson na duaise seo gach bliadhna."

B' ann ron Mhòd ann am Pàislig ann an 2023 a thòisich oidhirp gus a clach uaghach a sgeadachadh, 's buill na còisir air tadhal air a h-uaigh.
"Chunnaic sinn gun robh a' chlach-cinn rud beag claon, agus bha e a dhìth air an àite a ghlanadh," thuirt Fearghas.
"Bhruidhinn sinn ri teaghlach Mairead NicDhonnchaidh - tha mac nighean a bràthar ann fhathast - agus thug e cead dhuinn an uaigh atharrachadh."
An dèidh dhaibh a' chlach ùrachadh, thàinig buill den chòisir cruinn mun uaigh Là Naomh Anndra far an do ghabh iad òran no dhà, 's a chuimhnich iad air cho cudromach 's a bha i do sheinn Ghàidhlig.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair

- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair
