🌐 AI搜索 & 代理 主页

Duais Seirbheisean don Ghàidhlig do Bhoyd Robasdan aig Na Trads

Boyd Robasdan le Duais airson Seirbheisean don Ghàidhlig aig Na Trads 2025Tùs an deilbh, Na Trads
  • Air fhoillseachadh

Chaidh duais airson Seirbheisean dhan Ghàidhlig a thoirt dhan Ollamh Boyd Robasdan aig duaisean Na Trads ann an Obar Dheathain Disathairne.

A thuilleadh air duaisean ciùil Albais is Gàidhlig gach bliadhna, bithear cuideachd a' toirt dhuaisean seachad mar urram do dh' oidhirpean dhaoine fad am beatha ann an ceòl is cultar.

Tha Mgr Robasdan aithnichte airson na rinn e do dh' fhoghlaim Gàidhlig thar nam bliadhnaichean - gu h-àraidh aig Cnoc Iòrdan ann an Glaschu. Bha e cuideachd fad bhliadhnaichean na cheannard air Sabhal Mòr Ostaig agus bha e na chathraiche air Bòrd NHS na Gàidhealtachd.

Chaidh na mìltean bhòtaichean a chlàradh airson na buannaichean a thaghadh còmhla ri panal de bhritheamhan. Chaidh 24 duaisean a thoirt seachad uile gu lèir.

Am measg nam buannaichean bha:

  • Clàr na Bliadhna - araon le Sian

  • Seinneadair Albais na Bliadhna - Ellie Beaton

  • Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna - Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

  • Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna - Kim Carnie

  • Còmhlan/Seinneadair Beò na Bliadhna - Skerryvore

  • Ionad na Bliadhna - Taigh-seinnse na Pàirce, Glaschu

Tha liosta iomlan de na buannaichean air fad an seo, taobh a-muigh.

An còmhlan SianTùs an deilbh, Na Trads
Fo-thiotal an deilbh,

An còmhla Sian, a bhuannaich duais clàr na bliadhna

Fhuair an còmhla Sian anns am bheil Eilidh NicCarmaig, Ellen NicDhòmhnaill agus Ceitlin Lilidh an duais airson clàr na bliadhna leis a' chlàr aca araon a thàinig a-mach anns an Lùnastal 2025.

Thug Skerryvore duais Còmhlan Beò na Bliadhna airson a' cheathramh turas. Tha an còmhla air a bhith a' dol 20 bliadhna.

Fhuair Taigh-seinnse na Pàirce ann an Glaschu an duais airson Ionad na Bliadhna airson a' chiad uair a-riamh agus 130 bliadhna o chaidh an stèidheachadh o thùs.

'S e 2025 an treas bliadhna tha Ellie Beaton à Rothienorman ann an Siorrachd Obar Dheathain air duais Seinneadair Albais na Bliadhna a bhuannachadh.

Luchd-obrach Taigh-seinnse na Pàirce, GlaschuTùs an deilbh, Na Trads
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-obrach Taigh-seinnse na Pàirce ann an Glaschu

Thuirt Simon Thourmire bho Hands Up for Trad, a tha a' cur air dòigh nan duaisean, gu bheil an luchd-ciùil, na seinneadairean agus luchd-obrach nan ealan aig cridhe cultar na h-Alba.

"A dh'aindeoin AI agus sruthadh, tha sinn a' leantainn oirnn a' cruthachadh.

"Sin cò th'annainn - luchd-cruthachaidh le beachdan dhuinn fhèin le cumhachd rud a thoirt às ar macmeanma agus a thoirt beò."

Tuilleadh air an sgeulachd seo