Àrd-oifigear ùr Comhairle nan Eilean Siar air ainmeachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich Comhairle nan Eilean Siar gur e Màrtainn Joyce Àrd-oifigear ùr an ùghdarrais ionadail.
Tòisichidh e san obair ùr aige air an 3mh den Ghiblean, a' gabhail thairis bho Mhalcolm Burr, a tha air a bhith san dreuchd bho 2005.
Tha Mgr Joyce ag obair an-dràsta mar Stiùiriche an Ath-ùrachaidh aig a' bhuidheann Clyde Gateway.
Bha e roimhe na stiùiriche air Pròiseact nan Sgoiltean Ùra anns na h-Eileanan an Iar.
Tha e a' faighinn na h-obrach an dèidh do Mhalcolm Burr innse nas tràithe dhen bhliadhna gum fàg e a dhreuchd sa Mhàrt 2026.
Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, ag ràdh gun do chuir tagraichean fìor mhath a-steach airson na dreuchd.
"Tha eòlas ceannais farsaing aig Màrtainn san roinn phrìobhaidich agus poblaich.
"Tha mi misneachail gun toir e an ceannas agus stiùireadh ro-innleachdach a dh'fheumas a' Chomhairle agus na h-Eileanan an Iar," thuirt an Comh Steele.
Thuirt Mgr Joyce gur e urram a bh' ann an obair a ghabhail os làimh agus thug e taing don fheadhainn a nochd earbsa ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain

- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain
