🌐 AI搜索 & 代理 主页

Uspagan còrr air 75msu air an clàradh an lùib Stoirm Bram

Tuinn na mara a' bualadh air beingean agus slighean-coiseachd san TruthailTùs an deilbh, BBC WEATHER WATCH/KENNETH
Fo-thiotal an deilbh,

Tuinn na mara a' bualadh air beingean agus slighean-coiseachd san Truthail agus Stoirm Bram a' toirt buaidh air feadh Alba

  • Air fhoillseachadh

Tha mu 1,000 dachaigh agus toglaichean eile air an dealan a chall an dèidh do Stoirm Bram bualadh oidhche Mhàirt.

Tha daoine san Eilean Sgitheanach, Eilean Arainn gus faisg air Eilginn am measg na tha às aonais.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire bho SSEN, taobh a-muigh.

Chaidh uspagan cho mòr ri 76msu a chlàradh an Uibhist a Deas le gaoth a cheart cho làidir ann an Siorrachd Lannraig, agus Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh.

Tha an t-side gharbh air buaidh mhòr a thoirt air seirbheisean còmhdhail agus tha dùil gum bi iad sin gu math riaslach tron là Diciadain.

Tha earrann den phrìomh mhòr-rathad eadar Alba agus Sasainn dùinte fhathast a' dol gu deas an dèidh don ghaoith mhòir grunn làraidhean a chur air an cliathaich.

Thuirt Trafaig Alba gun robh an M74 dùinte eadar cinn-rathaid 12 agus 13 faisg air Abington an Siorrachd Lannraig a Deas tron oidhche ach gu bheil an t-slighe gu tuath air fosgladh às ùr.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil cuid de na seirbheisean aca air an cur dheth air sgàth na h-aimsire. Gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo., taobh a-muigh

Thàinig dìle mhòr an cois na stoirm an grunn sgìrean agus tha Buidheann Àrainneachd na h-Alba air 17 rabhaidhean tuile a sgaoileadh, a' chuid as motha dhiubh sin ann an Taobh Tatha agus ceann a deas na dùthcha.

Chaidh an rabhadh òmair aig Oifis na Sìde airson iar-thuath na h-Alba a thogail agus Stoirm Bram a' gluasad a dh'ionnsaigh Shealtainn, ach tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh fhathast an sàs airson a' mhòr-chuid den dùthaich fad an là.