🌐 AI搜索 & 代理 主页

Uairean fosglaidh fon phrosbaig ro Chuach na Cruinne

Neach-leantainn aig AlbaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' beachdachadh air ceadan sònraichte do thaighean-seinnse tro iomairt na h-Alba aig Cuach na Cruinne as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Cluichidh sgioba nam fear na geamannan aca ann am buidheann C ann am Boston agus Miami, leis a' chiad ghèam a' tòiseachadh aig 02:00 uair Bhreatainn.

Tha bòrd ceadachd na Gàidhealtachd a' leagail dha taighean-seinnse a bhith fosgailte eadar 11:00 and 01:00 an-dràsta, le leudachaidhean gu 03:00 bho Dhiardaoin gu Disathairne ann an cuid de shuidheachaidhean.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun tig fios mu cho-dhùnadh aig àm iomchaidh.

Choisinn Alba àite aig Cuach na Cruinne ann an Aimeireagaidh a Tuath nuair a rinn iad a' chùis air an Danmhairg 4-2 aig Hampden.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte