Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar @ 40

- Air fhoillseachadh
Thèid sreath thachartasan a chumail sna h-Eileanan an Iar a' comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann on thòisich Foghlam tro Mheadan na Gàidhlig (FtMG) san sgìre.
Chuala buill Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar Diluain gun do dh'fhosgail a' chiad ionad Gàidhlig am Bun-sgoil Bhreascleit san Lùnastal 1986.
Cha robh ann ach ceathrar sgoilearan ann agus thuirt cathraiche na comataidh, Dòmhnall MacSuain, gum "faodadh gun ainmich mi a h-uile duine aca dhut!"
An-diugh, tha 759 pàiste gan oideachadh tron chànan eadar Barraigh is Nis - faisg air an dàrna leth de chloinn-sgoile nam bun-sgoiltean gu lèir.
San Lùnasdal an-uiridh, thòisich 57% de chloinn P1 ann am FtMG, an àireamh as àirde fhathast.
Tha deasbad a' dol an-dràsta air am bu chòir àrd-sgoil Ghàidhlig fa leth a stèidheachadh sna h-eileanan.
57% de chloinn P1 sna h-Eileanan Siar ann am FtMG
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2025
Leasachadh ann an cabhaig a dhìth 'son FtMG san àm ri teachd
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
40 bliadhna de FtMG an Alba - "Tha obair ri dhèanamh fhathast!"
- Air fhoillseachadh23 An Dùbhlachd 2025
Bithear a' comharrachadh an adhartais a rinneadh am FtMG tron bhliadhna.
Am measg na bhios ann, tha dùil gum bi co-obrachadh le Tasglann nan Eilean Siar mu eachdraidh FtMG, òran ùr do na sgoiltean, dealbh-chluich air a choimiseanadh agus film goirid le cuimhneachain agus meòrachadh an fheadhainn a bha an sàs ann an stèidheachadh FtMG.
Chuala comhairlichean gun do thòisich grunn sgoiltean mar-thà air pròiseact pod-chraoladh air am bi "Ar Sgoiltean, Ar Guthan".
Thuirt an Comhairliche MacSuain: "Bidh sinn gu math tric, mar eileanaich, a' coimhead air tìr-mòr agus a' smaoineachadh gu bheil sinn airson a bhith nas coltaich riutha.
"Tha sinn tric a' dìochuimhneachadh gur ann oirnne a tha iadsan a' coimhead le farmad air na th' againn.
"Aon rud air a bheil sinn math 's e foghlam sa Ghàidhlig."