Airgead a dhìth air na h-eileanan airson leasachaidhean bun-structair

Tha litir nan ceannardan comhairle a' togail air cho "fìor fheargach agus an-fhoiseil" 's a tha cuid mu na pròiseactan gaoithe a tha san amharc sa choimhearsnachd aca.
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan poileataigeach comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn air colbh sgrìobhadh anns a' phàipear-naidheachd an Herald ag ràdh gu bheil airgead a dhìth air na h-eileanan airson leasachaidhean mòra bun-structair.
Sgrìobh Pòl Steele às na h-Eileanan Siar, Heather Woodridge à Arcaibh agus Emma Dhòmhnallach à Sealtainn an t-alt eatorra.
Tha iad ag ràdh nach urrainn do na h-eileanan an cumhachd ath-nuadhachail a tha a dhìth a chumail ris an dùthaich gun am bun-structar air a shon.
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil "eileanaich gu math teagmhach - tha iad a' faicinn nan cosgaisean agus an troimh-chèile a thig an cois leasachaidhean gaoithe ach tha e doirbh dhaibh na buannachdan fhaicinn".
Tha seo a dh'aindeoin 's gun do rinn urrasan air taobh siar Leòdhas aonta airson buannachd coimhearsnachd leis an luchd-leasachaidh Northlands.
Beachdan làidir mu 'Spiorad na Mara'
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2025
Eòrpa: Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh28 An Gearran 2024
Dùil ri iarrtas dealbhachaidh airson Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh6 An Lùnastal 2025
'S e as motha a tha na adhbhar deasbaid agus connspaid sna trì sgìrean eileanach na tha de thuathan-gaoithe a thathas a' moladh aig muir.
Tha na ceannardan ag ràdh gun tuig iad cho "fìor fheargach" 's a tha cuid de luchd-còmhnaidh "air a bheil na cosgaisean cumhachd as àirde na àite sam bith eile san dùthaich".
'S e a tha a' cur air daoine buileach, tha an litir aca a' mìneachadh, gun d' fhuair Riaghaltas na h-Alba na ceudan milleanan notaichean "bho luchd-leasachaidh airson nan còraichean tuathan-gaoithe a thogail sna h-uisgeachan againn".
Tha faisg air an treas cuid den 20 pròiseact bhon chiad chuairt de phrògram ScotWind gu bhith ann an uisgeachan nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn.
Thug na comhairlichean rabhadh san alt aca: "Cha ghabh amasan cumhachd na h-Alba a choileanadh às aonais cumhachd nan eilean againn, ach chan urrainn do na h-eileanan amasan cumhachd na h-Alba a lìbhrigeadh gun airgead mòr, mòr a chosg air a' bhun-structar againn."
Tha na trì ùghdarrasan ionadail ag obair còmhla mar Chom-pàirteachas Ro-innleachdach nan Eilean. Tha iad ag amas air "aonta a bhios an dà chuid cothromach do na h-eileanaich againn agus a leigeas le na h-eileanan cumhachd glan, tèarainte a chruthachadh dhuinn fhèin agus don chòrr den dùthaich".

Tha an treas cuid de phròiseactan gaoithe ScotWind gu bhith an uisgeachan nan Eilean Siar, Arcaibh is Sealltainn
Chuir na ceannardan fàilte air aonta eaconamach ùr - Islands Accelerator Model - a chaidh ainmeachadh an lùib buidseat Riaghaltas na h-Alba agus tha a' gealltainn nam milleanan notaichean a chosg air bun-structar sna trì sgìrean eileanach.
Tha na ceannardan ag radh gu bheil "piseach air ceanglaichean còmhdhail, calachan, teicneòlas didseatach, taigheadas, seirbhisean cùraim agus sgoiltean riatanach airson leasachaidh ghnìomhachail agus buannachd shoilleir nam pròiseactan" sna h-eileanan.
Thog iad gu sònraichte air na dh'fhaodadh a bhith a dhìth de dhachaighean ùra agus cho aost 's a tha na bàtaichean-aiseig air a bheil na coimhearsnachdan aca a' crochadh.
"A-rithist," thuirt iad, "chan eil e comasach fuasgladh fhaighinn leis cho teann 's a tha buidseat ùghdarrasan ionadail."

Tha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, am measg na tha a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba an cuid gealltanasan a choileanadh
Tha Mgr Steele, Ms Woodridge agus Ms Dhòmhnallach den bheachd gum feumar aithneachadh cho luachmhor 's a tha na h-eileanan don eaconamaidh nàiseanta.
Sgrìobh iad: "Tha an dùthaich aig toiseach atharrachadh mor eaconamach, le fàs a' sìor ghluasad air falbh bho na bailtean mòra gu sgìrean dùthchail agus eileanach mar an fheadhainn againn fhèin.
"Feumaidh bun-structar a bhith air a leasachadh dha rèir," thuirt iad.
Tha an triùir ag ràdh gu bheil na h-aontaidhean agus na còmhraidhean eadar iad agus Riaghaltas na h-Alba gu ruige seo air a bhith an adhbhar misneachd dhaibh
"Tha sinn gu mòr an dòchas gu bheil sinn aig toiseach linn ùir".