Tàir aig cuid an Tiriodh airgead-dìolaidh bann-leathainn fhaighinn

Chaidh Tiriodh fhàgail às aonais a' bhann-leathainn fad seachdainean an dèidh do Stoirm Amy an càball eadar iad is Muile a bhriseadh
- Air fhoillseachadh
Tha tàir air a bhith aig cuid de dhaoine ann an Tiriodh airgead-dìolaidh fhaighinn airson mar a bha iad às aonais ceangail bhann-leathainn fad sia seachdainean an-uiridh.
Bhris Stoirm Amy an càball eadar-lìn a tha a' ceangal Tiriodh ri Muile agus tìr-mòr.
Ach tha cuid de na companaidhean a tha a' lìbhrigeadh na seirbheis air iarrtasan airson airgid-dhìolaidh a dhiùltadh - agus chan eil feadhainn eile a' pàigheadh na suime a bu chòir.
"Thill iad le suim beagan is £219, nuair a bha fhios agam gun robh mi airidh air còrr air £400 ann an airgead-dìolaidh 's mi air a bhith gun cheangal fad 41 là," thuirt Iain MacAsgaill.
"An dèidh ùine mhòir air a' fòn an-diugh tha coltas ann gu bheil mi a' tighinn gu fuasgladh."

Thug am briseadh buaidh air fònaichean an eilein a bharrachd air an eadar-lìon
Tha BT ag ràdh gun do chuir iad fios air na companaidhean a bhios a' toirt seachad sheirbheisean eadar-lìn (ISP) air an 8mh là den Dàmhair, agus gun do chùm iad fios riutha gus an deach an trioblaid a cheartachadh air an 18mh là den t-Samhain.
"Tha companaidhean ISP ag ràdh nach deach e sìos chun an t-7mh," thuirt Gerard McGuigan, a tha na chathraiche air comhairle coimhearsnachd Thiriodh.
"'S ann an uair sin a mhothaich Openreach gun robh an càball briste.
"Thuirt feadhainn eile gur e an 18mh den Dàmhair, no san t-suidheachadh agamsa an 23mh.
"An ath rud, 's e nuair a chaidh a chàradh, 's iad ag ràdh gun robh sin air an 31mh den Dàmhair.
"Nuair a chuir daoine fòn airson airgid-dhìolaidh, bha sin a' fàgail gun robh iad a' faighinn deich là, no fichead là, an àite an 42 là."
Bann-leathann "air ais" ann an Tiriodh
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2025
Tiriodh fhathast gun sheirbheis bann-leathainn mìos an dèidh Stoirm Amy
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain 2025
Briseadh-dùil an Tiriodh is an sluagh gun bhann-leathann fhathast
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2025
"Thèid an càball a chàradh ach dè cho fada gus am brist e a-rithist?"
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2025
'S e rud, gu bheil deagh chuimhne aig muintir an eilein air cuin a chaidh an càball a chàradh - mu dhà uair de thìde mus do thòisich an geama ball-coise eadar Alba 's an Danmhairg a chuir Alba troimhe gu Cupa na Cruinne.
Bha cuid a fhuair airgead-dìolaidh gun strì sam bith.
"Nuair a chaidh an càball a chur air dòigh a-mach aig cuan 's bha a h-uile nì ag obair, thàinig teacsa ag ràdhainn rium "we owe you" gu math dlùth air £400," thuirt Billy MacIllEathain.
"Tha mòran dhaoine nach eil toilichte an dòigh a tha na diofar chompanaidhean ga obrachdainn.
"Ach a' chompanaidh agamsa, cha robh trioblaid sam bith, sam bith, agamsa."
Tha feadhainn eile san eilean ge-tà, a tha leis an dearbh chompanaidh, 's nach d' fhuair càil fhathast, agus tomhas aig a' Chomhairle Choimhearsnachd gu bheil mu 100 duine san eilean nach eil air an t-suim cheart fhaotainn.

Bha an t-eilean às aonais mòran de sheirbheisean làitheil leithid bancaireachd airson seachdainean ri linn an t-suidheachaidh
"Bidh cuid ag ràdh 'uill cha do dh'innis thu dhuinn gun robh an càball briste'," thuirt Gerard McGuigan.
"Tha sin fìor. Ach nuair a dh'fhalbh an càball chaill sinn 4G, chaill sinn a' mhòr-chuid de na fònaichean talmhainn againn, chaill sinn bann-leathann - ciamar a b' urrainn dhuinn bruidhinn ribh?
"Cha tàinig Vodafone, mar eisimpleir, air ais suas airson mu thrì seachdainean, 's tha am bocsa-fòn poblach fhathast briste.
"Ciamar a bha sinn air fios a chur oirbh? Agus co-dhiù, dh'innis Openreach dhuibh gun robh trioblaid ann."
Thuirt BT gun robh an luchd-cleachdaidh acasan, aig EE agus Plusnet san eilean airidh air airgead-dìolaidh a rèir a' phròiseas àbhaistich.
Tha dragh air a' chomhairle choimhearsnachd ge-tà, gur iad daoine so-leònta as coltaiche a chailleas a-mach air.