🌐 AI搜索 & 代理 主页

Naidheachdan 11:00m

Flu

Sheall figearan ùra an-diugh àrdachadh an ceathramh cuid san aireamh chùisean den flu ann an Alba an t-seachdain seo chaidh. Bha cùisean dearbhte suas bho bheagan nas lugha na 1,900 gu beagan a bharrachd air 2,300 agus bha àrdachadh 15% san aireamh a chaidh dhan ospadal. Dh'iarr oifigich slàinte air feadhainn a tha airidh air banachdach a gabhail. Ach tha bùithtean chungaidean-leighis ag ràdh gu bheil a' bhanachdach a' fàs gann leis cho mòr 's tha an t-iarrtas air a son.

Ucràin

Tha am Priomhaire, Keir Starmer, a' cumail chòmhraidhean le dùthchannan a tha a' toirt taic dhan Ucràin ged a thuirt an Ceann-suidhe Trump an-dè gur dòcha nach biodh an sin ach cosg ùine gun adhbhar. Tha aithrisean ann gun do chuir an Ucràin plana sìthe ùr gu ruige Washington an-dè. Thuirt Seansalair Merz na Gearmailte gu bheil gèilleadh fearann Ucràinianach anns a' phlana ùr sin.

Venezuela

Tha Venezuela ag ràdh gun do rinn na Stàitean Aonaichte spùinnearachd eadar-nàiseanta an dèidh mar a ghabh feachdan Ameireaganach smachd air tancair ola far chosta na dùthcha. Thuirt oifigich nan Stàitean Aonaichte gu bheil an soitheach a' giùlain ola air am bheil casg-bhannan agus gu bheil na prothaidean a' dol gu ceannarcas.

Inbhir Ghrainnse

Tha duil ri còrr 's 450 obair ùr ann an Inbhir Ghrainnse agus air feadh Alba air an ath chòig bliadhna le taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Bidh còrr 's 300 cosnadh aig a' chompanaidh Biotech Mialga. Bidh faisg air 150 obair ann an Inbhir Ghrainnse aig Celtic Renewables, companaidh a tha a' glanadh agus ag ath-chuairteachadh stuthan ceimigeach bho ghnìomhachas.

CNES

Dh'ainmich Comhairle nan Eilean Siar an t-Àrd-oifigear ùr. 'S esan Martin Joyce a tha ag obair an dràsta na Àrd-stiuriche aig Clyde Gateway. Bha e ag obair ron seo dhan Chomhairle os cionn pròiseact sgoiltean nan Eilean Siar. Tòischidh e 'san obair air an treas latha den Ghiblean, nuair a dh'fhalbhas Malcolm Burr a th' anns an dreuchd bho chionn fichead bliadhna.

HebCelt

Chuir fèis-chiùil Heb Celt san Iuchair am bliadhna an t-suim as motha fhathast, £4.4m, ri eaconomaidh na sgìre. Sin £400,000 a bharrachd air an-uiridh a-rèir aithisg ùir.