Naidheachdan 11:00m
Stoirm
Tha rabhadh ann airson fìor dhroch shìde le Stoirm Bram an-diugh fhathast. Tha rabhadh òmair aig Oifis na Sìde dhan iar-thuath agus dha na h-eileanan le sgalan gaoithe cho mòr ri 90msu aig amannan. Tha sin a' toirt buaidh mhòr mar-tha air seirbheisean siubhail. Bidh mòran de na seirbheisean aiseig dheth. Tha dùil gun dùin Drochaid an Eilein Sgitheanaich dhan a h-uile carbad eadar ceithir uairean feasgar agus aon uair deug a-nochd agus Drochaid Cheasaig bho sheachd uairean a-nochd. Bidh an loidhne rèile eadar Inbhir Nis agus an Caol a' dùnadh aig còig uairean feasgar agus an loidhne eadar an Gearasdan agus Malaig aig ceithir uairean feasgar.
An tuath
Tha beachd làidir ann an sgìrean eileanach agus dùthchail na h-Alba nach eil luchd-poileataigs a' tuigsinn nan sgìrean sin. Thuirt trì chairteal de na ghabh pàirt anns an sgrùdadh nach eil tuigse cheart aig luchd-poileataigs air an t-suidheachadh agus thuirt daoine air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan gu bheil trioblaidean sònraichte ann le seirbheisean slàinte, còmhdhail phoblach agus dìth thaighean.
Prìosanaich
Thèid còrr is ceithir fichead prìosanach eile a shaoradh ann an Alba an-diugh ann an oidhirp dèiligeadh ris cho làn 's tha na prìosain. Seo an treas turas agus tha dùil gun tachair e ceithir tursan eile ron Ghiblean an ath-bhliadhna. Bha an àireamh as motha a-riamh, còrr is ochd mìle agus ceithir cheud, ann am prìosain na h-Alba air a' mhìos a chaidh seachad.
Remand
Chaidh aithisg fhoillseachadh an-diugh a tha ag ràdh gu bheil mòran a tha anns a' phrìosan a' feitheamh cùirte a' faireachdainn nach eil iad sàbhailte. Tha an aithisg bho Àrd-Inspeactar nam Prìosan ag ràdh gu bheil nas lugha na sianar anns gach deichnear phrìosanach air remand den bheachd gu bheil iad sàbhailte fad na h-ùine no a' mhòr chuid den ùine sa phrìosan sam bheil iad.
Uibhist
Tha dragh ann gum bi Uibhist as aonais fiaclair nuair a dh'fhalbhas an dithis a th' ann an-dràsta an ath-bhliadhna. Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad a' feuchainn ri fiaclairean fhastadh agus gum cùm iad seirbheis a' dol le fiaclairean locum à tìr-mòr.
Easbaig
Fhuair am BBC fiosrachadh gu bheil casaidean ùra de dhroch ghiùlain an aghaidh easbaig a bha fo chasaidean burraidheachd roimhe seo. Chuir Eaglais Easbaigeach na h-Alba casg rè ùine roimhe seo air Anne Dyer, Easbaig Obar Dheathain agus Arcaibh, casaidean a bha ise a' dol às àicheadh. Thill i a dh'obair an-uiridh an dèidh riaghladh laghail nach biodh tribunal eaglaise gu maith a' phobaill. Thuirt ise nach eil brìgh sam bith anns na casaidean ùra.
Teine
Thuirt poilis ann an Hong Kong gu bheil dearbhadh ann a-niste gun deach 160 a mharbhadh ann an teine ann am bloca flataichean an t-seachdain seo chaidh. Tha triùir a dhìth fhathast.