Kevin Booth air a chur air clàr nan drabastairean
Tùs an deilbh, Google
Chaidh fear-gnothachais beartach a chaidh a dhìteadh airson conaltradh mì-iomchaidh a chur air clàr nan drabastairean airson dà bhliadhna.
Feumaidh Kevin Booth, a tha a' fuireach ann an Allt nam Breac an Gallaibh, cuideachd £2,000 a phàigheadh don bhoireannach ris an do rinn e an conaltradh mì-iomchaidh.
Bha e air tè a bha ag obair dha a cheasnachadh mu na càirdeasan feise aice agus dh'fhaighnich e an robh fios aice mar a bheireadh i dèiseag seachad.
Chaidh innse do Chùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Ùige gun d' fhuair measadh gun robh cunnart àrd ann gun dèanadh e eucoir a-rithist, agus nach robh e air aithreachas sam bith a shealltainn airson na rinn e.
Bidh na seirbheisean sòisealta a' cumail sùil air Booth, a tha 65, airson dà bhliadhna.
Feumaidh e cuideachd prògram sònraiche airson drabastairean feise a dhèanamh.