Dìth seirbheis fiaclaireachd "am measg na tha a' cur ri crìonadh-sluaigh"

Tùs an deilbh, Getty Images

Tha cuid ann an Geàrrloch air Taobh Siar Rois le dragh mun bhuaidh air seasmhachd na coimhearsnachd agus iad air a bhith às aonais fiaclair ionadail airson cha mhòr dà bhliadhna.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil e fìor dhoirbh fiaclairean NHS fhastadh agus a chumail an sgìrean dùthchail, agus nach eil duine air ùidh a nochdadh san ionad ann an Geàrrloch.

Tha muinntir na sgìre far an dòigh leis an t-suidheachadh leis gu bheil aca ri dhol astar math - a dh'Inbhir Pheofharain, Alanais neo Ulapul - airson cùraim.

Feumaidh cuid de phàrantan làithean dheth far an cuid obrach airson clann a thoirt dhan fhiaclair.

Dhùin an aon ionad fiaclaireachd ann an Geàrrloch san Fhaoilleach 2024.

Ron sin, bha an sluagh air gabhail ri crathadh san t-seirbheis ann an 2017 nuair a chaidh inbhich a bha clàraichte gu planaichean prìobhaideach le clann a-mhàin air clàr an NHS.

Bha am fiaclair a bh' ann aig an àm air innse nach b' fhiach an t-ionad a chumail fosgailte fo mhodail mhaoineachaidh an NHS.

Lean am modail measgaichte seo nuair a cheannaich buidheann corporra fiaclaireachd an t-ionad an 2022.

Ge-tà, tha trioblaidean fastaidh a-nis a' fàgail na coimhearsnachd gun seirbheis fiaclaireachd faisg orra.

"Crathadh a dhìth air maoineachadh fiaclaireachd air an tuath"

Tha Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Loch Iùbh an Iar, Ross MacIllEathain, den bheachd gu bheil an suidheachadh am measg na tha ag adhbharachadh crìonadh-sluaigh air an tuath.

Thuirt e: "Faodaidh sinn bruidhinn air taigheadas, sgoiltean, cosnaidhean agus Slighe NC500 ach ma chailleas sinn seirbheisean mar seo 's e adhbhar eile gun gluasad chun na sgìre neo fuireach ann."

Tha e ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus NHS na Gàidhealtachd na riaghailtean atharrachadh a thaobh mar a tha an t-seirbheis ga maoineachdh.

"An rud a tha ag obair ann an Inbhir Nis agus an Dùn Èideann, chan obraich e ann am Poll Iù agus Geàrrloch," thuirt e.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad ag obair "còmhla ri bùird slàinte eile agus Riaghaltas na h-Alba airson 's gum bi seirbheisean fiaclaireachd NHS seasmhach an sgìrean dùthchail."

Thuirt iad: "Tha NHS na Gaidhealtachd ag aithneachdh nan draghan ann an Geàrrloch agus tha sinn a' cumail sùil air an àireamh dhaoine a tha a' feuchainn ri iad fhèin a chlàradh air liosta an NHS san sgìre.

"Aig an ìre seo, chan eil planaichean sam bith ann ionad fiaclaireachd fhosgladh às ùr ann an Geàrrloch."