Faisg air £9m gus rathaidean Uibhist is Bharraigh a dhèanamh nas sàbhailte

- Air fhoillseachadh
Tha obair airson rathaidean is cabhsairean an Uibhist is Barraigh a leasachadh is a dhìon fo thuiltean am measg nam pròiseactan sna h-Eileanan an Iar a fhuair airgead riaghaltais luach £20m.
Tha £20m cuideachd a' dol gu Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid bho Chom-pàirteachas Ath-leasachaidh Coimhearsnachd aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
'S ann airson an obair leasachaidh a bu mhotha a bha luchd-còmhnaidh anns gach sgìre ag iarraidh a thèid am maoineachadh a chosg.
'S e pròiseactan sna h-eileanan mu dheas as motha a gheibh buannachd às a' mhaoin.
Thèid cha mhòr an treas cuid dheth - £8.8m - a chosg air Prògram Seasmhachd Chabhsairean is Rathaidean Uibhist is Bharraigh.
Bidh earrann 3km de rathad singilte an Uibhist a Deas air a dùblachadh mar phàirt den obair, a bharrachd air rathaidean agus cabhsairean a leasachadh is a dhìon bho thuiltean.
A' cur fàilte air an aonta eadar iad agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gun robh e ag amas air "dèiligeadh ri neo-ionannachd in-ionmhais, bun-structair agus chothroman".
"Fàs eaconomach, seasmhachd agus barrachd chothroman"
Am measg nam pròiseactan eile a fhuair taic-airgid tha Ionad Eilean na h-Òige an Èirisgeigh a tha a' faighinn £1.5m airson seann sgoil an eilein a dhèanamh na ionad dualchais agus àite far an tig daoine cruinn.
Tha Ionad Dualchais Chàirinis an Uibhist a Tuath cuideachd a' faighinn £1.5m airson àite-cruinneachaidh le taigh-tasgaidh agus àitichean-fuiridh do luchd-turais a stèidheachadh air làrach seann sgoil na sgìre.
Tha £3m a' dol gu Calachan Bhatarsaigh agus Àird Mhidhinis am Barraigh airson obair leasachaidh ann.
Bidh pròiseact an Dalabrog airson raon spòrs a ghabhas cleachdadh fad na bliadhna a chruthachdh a' faighinn £1.2m.
Tha £500,000 a' dol gu pròiseact am Beinn na Faoghla airson talamh fhaighinn bhon MOD air am bi taigheadas aig prìs reusanta is aonadan-gnothachais.
Agus thèid maoin taigheadais luach £3.5m a stèidheachadh airson grantaichean is iasadan a thoirt do dhaoine sna h-Eileanan an Iar air fad a chuidicheas iad le na cosgaisean an cois taigh a thogail agus siostaman cumhachd nan dachaigh ùrachadh.
Còrr is £500,000 'son Seann Sgoil Chàirinis is Cnoc Soilleir
- Air fhoillseachadh16 An Lùnastal
£165,000 gus seann sgoil Chàirinis a leasachadh
- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach
Beachdan gan sireadh air èiginn taigheadais Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh5 An Dàmhair 2023
Thuirt an Comh Steele: "Gus daoine a bhrosnachadh a dh'fhuireach agus a bhith ag obair sna h-eileanan againn feumaidh sin fàs eaconomach, seasmhachd agus barrachd chothroman don a h-uile duine."
Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a tha £5m a' dol gu pròiseactan taigheadais, a' gabhail a-steach £2m an Ìle.
'S e Earra-Ghàidheal is Bòd a' chiad chomhairle ann an Alba a bha air staing taigheadais a ghairm.
Tha cuideachd còrr is £7m ann airson leasachaidhean a bharrachd aig Pàirc Gnothachais Port-adhair an Òbain.
Tha ceannard na comhairle, an Comh Jim Lynch, ag ràdh gun cuir an t-airgead ri bun-structar a leasachadh, cosnaidhean a chruthachadh is coimhearsnachdan a neartachadh.
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil an t-airgead ga thoirt seachad gus "coimhearsnachdan ath-bheòthachadh" is gu bheil iad air prìomhachas a thoirt dha na rudan as cudromaiche aig coimhearsnachdan.
Thuirt iad gun tàinig seo às dhèidh dhaibh co-obrachadh gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail is coimhearsnachdan anns na h-Eileanan an Iar is ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.