🌐 AI搜索 & 代理 主页

Screen Machine ùr dearbhte

Screen Machine
  • Air fhoillseachadh

Chan fhada gus am faigh Alba taigh-dhealbh gluasadach ùr is an iomairt gus £1.49m a thogail airson Screen Machine eile air a bhith soirbheachail.

Bidh an goireas ùr ann an seirbheis air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan bhon t-samhradh an ath-bhliadhna.

Thòisich an iomairt mhaoineachaidh anns an t-Sultain 2023 nuair a ràinig an seann Screen Machine deireadh a bheatha.

Bhon uair sin tha seirbheis eadar-amail air a bhith ann le carbad air iasad.

Fhuairear an t-airgead bho dhiofar àitichean, leis na suimeannan as motha a' tighinn bhon mhòr-shluagh (le gibht mhòir bho Sir Eòghann agus a' Bhean-uasal NicIlleDhuinn), Riaghaltas na h-Alba, SSEN, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Urras Anna Ban-Diùc Westminster.

Thàinig £500,000 nas tràithe am-bliadhna bho Mhaoin Calpa na Gàidhlig.

B' e £1.7m an targaid a bh' ann an toiseach airson carbad ùr, ach fhuair Sgrìon Sgìreil Alba air sin a lùghdachadh le deagh bharganachadh is eile.

Chuir Sgrìon Sgìreil Alba agus Scrìon Alba fàilte mhòr air an naidheachd seo.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis: "Tha an Screen Machine air pàirt mhòr a ghabhail ann am beatha na tuatha agus nan eilean an Alba airson còrr air 26 bliadhna, agus tha mi air mo dhòigh gun do shoirbhich leis an iomairt a shàbhaladh."