🌐 AI搜索 & 代理 主页

"Chan eil luchd-poileataigs a' tuigsinn nan sgìrean dùthchail"

Uibhist a DeasTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh mòr ùr ag ràdh nach eil iadsan ann an cumhachd a' tuigsinn sgìrean dùthchail.

Thuirt trì chairteil de na chaidh a cheasnachadh nach eil luchd-poileataigs an Alba a' tuigsinn nan sgìrean dùthchail agus gu bheil uireasbhaidhean mòra ann le slàinte, còmhdhail agus taigheadas.

Bha daoine air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gu sònraichte a' faireachdainn sin.

Bhruidhinn Caidreachas Diffley ri còrr is 3,000 duine sa sgrùdadh air a bheil "Guth Dùthchail na h-Alba", a rinn iad às leth Bradan na h-Alba, NFU na h-Alba agus Dachaighean do dh'Alba.

Fhuair an luchd-rannsachaidh gu bheil daoine ann an sgìrean dùthchail nas sàsaichte le an dòigh-beatha, le an dachaighean, leis an àite far a bheil iad a' fuireach agus an cuid slàinte na tha daoine ann am bailtean.

Thuirt 57% gun robh iad sàsaichte leis an àite a th' aca sa choimhearsnachd, an taca ri 36% ann am bailtean.

Ach thuirt 73% den fheadhainn a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail gun robh iad a' faireachdainn nach robh luchd-poileataigs a' tuigsinn feumalachdan nan coimhearsnachdan aca.

Dh'èirich an àireamh sin gu 79% ann an sgìrean dùthchail iomallach.

Thuirt 63% de dhaoine ann an sgìrean dùthchail nach eil guth làidir aca nuair a thig e gu co-dhùnaidhean a tha a' toirt buaidh orra. B' e 70% a bh' ann ann an sgìrean nas iomallaiche.

Bha daoine air Ghàidhealtachd, na h-Eileanan agus anns an Earra Thuath nas buailtich faireachdainn mar sin seach daoine ann an sgìrean dùthchail eile na h-Alba.

Bha 89% a' cur taic ri barrachd chumhachd a bhith ga ghluasad gu sgìrean dùthchail, am measg sin a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu sheirbheisean ionadail agus leasachadh.

Thog 80% de dhaoine ann an sgìrean dùthchail dragh mun ìre de dh'airgead a tha air a chosg air bun-structar leithid taigheadais, rathaidean agus comhdhail poblaich.

'S e dìreach 15% a dh'aontaich gun robh seirbheisean poblach a rèir feumalachdan coimhearsnachdan dùthchail.

Uig, Eilean LeòdhaisTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt Mark Diffley bho Chaidreachas Diffley gu bheil na teachdaireachdan bho sgìrean dùthchail na h-Alba "soilleir" agus "gum biodh iadsan a tha a' dèanamh cho-dhùnaidhean airson nan teachdaireachdan sin a chomharrachadh agus taghadh Holyrood air fàire."

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' cur luach mòr air coimhearsnachdan dùthchail agus gur e an lèirsinn a th' aca gum bi sgìrean dùthchail na h-Alba beòthail agus seasmhach le eaconamaidh làidir far am faigh teaghlaichean na seirbheisean a tha a dhìth orra.

"'S e an Rural Assessment Toolkit, a chaidh fhoillseachadh ann an 2025, aon de na dòighean a tha coimhearsnachdan dùthchail gan cur aig teas mheadhain co-dhùnaidhean mu phoileasaidh.

"Cuidichidh seo ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil dòigh shiostamataigeach ann thar an riaghaltais airson beachdachadh air na dùbhlain shònraichte agus na cothroman a tha ann an sgìrean dùthchail nuair a thig e gu a bhith a' dealbhachadh phoileasaidh."