Uibhist gus fiaclairean a chall is "an t-seirbheis air a toirt às a chèile"

Tha an Comh Mustapha Hocine a' togail dhragh mòr mu ìre seirbheis fiaclaireachd Uibhist
- Air fhoillseachadh
Tha fear de chomhairlichean Uibhist ag ràdh gu bheil seirbheis fiaclaireachd na sgìre truagh is gun deach a toirt às a chèile, a dh'aindeoin ghealltanasan gun robh e gus a bhith aig àrd-ìre.
Bha Mustapha Hocine a' bruidhinn is e air tighinn am bàrr nach bi fiaclair stèidhichte ann an Uibhist bho thoiseach na h-ath-bhliadhna is an dithis a th' ann gus an dreuchdan fhàgail.
Dh'iarr an Comh Hocine air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar coimhead ris an t-suidheachadh às ùr.
Tha am Bòrd ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh a h-uile oidhirp gus fiaclairean fhastadh.

Tha an t-seirbheis a-nise stèidhichte ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh
Bha ceathrar fhiaclairean aig aon àm eadar trì ionadan ann an Lionacleit, Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail.
Chaidh na seirbheisean a thoirt còmhla air a' cheann thall ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh, far an do dh'fhosgail ionad ùr ann an 2024.
'S e gluasad air leth connspaideach a bha sin anns na bliadhnaichean mu dheireadh is cuid den bheachd gun robh còir ionadan fa leth a chumail.
Thuirt NHS nan Eilean Siar bho thùs gun robh iad an dòchas gum biodh am modail ùr gu buannachd a thaobh fiaclairean fhastadh is a ghlèidheadh.
Tha an Comh Hocine - a tha a' riochdachadh Uibhist a Tuath - ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann gu bheil an dithis fhiaclairean a th' ann gus falbh.
Tha e a' cumail a-mach nach eil an t-seirbheis san fharsaingeachd idir aig ìre is gun deach seirbheis a bha ag obair math "a thoirt às a chèile".
"Chaidh seirbheis aig àrd-ìre a ghealltainn dhuinn stèidhichte ann am Beinn na Faoghla.
"An-dràsta chan urrainn dhut fiù 's coinneamh àbhaisteach le fiaclair fhaighinn - feumaidh tu a bhith ann am cràdh uabhasach oir 's e dìreach coinneamhan èiginneach a th' aca.
"Chaill sinn deagh sheirbheis airson seirbheis gu math truagh a chur na h-àite".
Fearg an Uibhist mun t-seirbheis fiaclaireachd
- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain 2019
Riaghaltas a' gabhail gnothaich ri seirbheis fiaclaireachd Uibhist?
- Air fhoillseachadh13 An Gearran 2019
Iomagain mu sheirbheis fiaclaireachd Uibhist
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt 2017
A thaobh nam fiaclairean a tha a' fàgail, tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gu bheil aon neach a' falbh is iad mì-thoilichte nach gabhadh sùbailteachd fhaighinn anns a' chùmhnant obrach aca.
Thuirt an Comh Hocine ma tha dad ann a ghabhas dèanamh gus an suidheachadh a leasachadh gum bu chòir coimhead ris.
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach toir iad beachd air luchd-obrach no an cùmhnantan, ach gu bheil iad deimhinne às gu bheil pròiseasan is poileasaidh iomchaidh gan leantainn le gach iarrtas airson sùbailteachd obrach.
Dhearbh iad gum fàg na fiaclairean an dreuchdan tràth an ath-bhliadhna agus thuirt iad gu bheil a h-uile oidhirp ga dhèanamh le fastadh.

Tha am Bòrd ag ràdh cuideachd gu bheil iad a' sireadh seirbheis locum anns an eadar-ama.
Thuirt an Comh Hocine nach biodh e math airson ìre a' chùraim nam biodh Uibhist an eisimeil fhiaclairean locum agus gum biodh e glè chosgail dhan NHS.
Tha e ag ràdh cuideachd gur e buille a tha seo a thaobh sluagh a ghlèidheadh.
"Airson daoine a chumail agus a thàladh, feumaidh seirbheisean ceart a bhith againn.
"Tha taigheadas, cùram chloinne, foghlam is slàinte aig mullach na liosta - a' toirt a-steach fiaclaireachd."
Tha BBC Naidheachdan a' feitheamh freagairt bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar air na thuirt an Comh Hocine mu ìre na seirbheis.