🌐 AI搜索 & 代理 主页

Rabhadh gaoithe de 90msu an sàs le Stoirm Bram a' toirt buaidh

Rabhaidhean aimsire
  • Air fhoillseachadh

Chaidh rabhaidhean mu fhìor dhroch shìde an Alba a leudachadh is Stoirm Bram a' toirt buaidh air an dùthaich.

Chuir Oifis na Sìde rabhadh òmair, taobh a-muigh a-mach airson iar-thuath na Alba a bhios an sàs bho 4:00f Dimàirt gu 03:00m, le dùil ri uspagan eadar 70 is 80msu airson grunn uairean a thìde.

Dh'fhaodadh iad 90msu a ruighinn ann an cuid de sgìrean.

Tha dùil gun adhbharaich Stoirm Bram, a chaidh ainmeachadh le Oifis Sìde na h-Èireann, gaoth làidir is uisge mòr thairis air a' chòrr de dh'Alba cuideachd.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhaidhean gaoithe buidhe airson Alba gu lèir airson Dimàirt agus Diciadain, nam measg rabhadh, taobh a-muigh aig tuath 'son Dimàirt is Diciadain.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun dùin cuid de sgoiltean, taobh a-muigh an Eilein Sgitheanaich tràth Dimàirt.

Tha buaidh mar-tha air còmhdhail.

Tha CalMac air seirbheisean atharrachadh no a chur dheth is rabhadh aca gu bheil dùil ri troimhe-chèile.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire bhuapa an seo, taobh a-muigh.

Rabhadh buidhe

Tha ScotRail air innse, taobh a-muigh gun crìochnaich seirbheisean air loidhnichean a' Ghearasdain, Mhalaig is a' Chaoil tràth Dimàirt.

Bidh casg astair air seirbheisean ann am pàirtean eile den dùthaich.

Tha dùil gun toir an aimsir buaidh air na rathaidhean cuideachd.

Gheibhear fios mu na rathaidhean bho Thrafaig Alba, taobh a-muigh.

Bidh buaidh cuideachd air seirbheisean adhair.

'S e Stoirm Bram an dàrna stoirm ainmichte dhen t-seusan is chaidh ainmeachadh le Met Éireann.

Dh'fhaodadh i tuiltean adhbharachadh agus tha cunnart ann gun caill daoine dealan no seirbheisean eile.

Thuirt SSEN gu bheil iad air ullachadh a dhèanamh mu choinneimh na stoirme.

Chaidh a ràdh cuideachd gum faodadh tuinn mhòra buaidh a thoirt air sgìrean mun chosta.

Chaill cha mhòr 90,000 dachaigh cumachd nuair a bhuail Stoirm Amy aig toiseach na Dàmhair.