🌐 AI搜索 & 代理 主页

Maoineachadh sgoiltean ùra Gàidhlig ga dheasbad aig Holyrood

Ceit Fhoirbeis ann am pàrlamaid na h-AlbaTùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Ceit Fhoirbeis BPA

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil grunn dhòighean maoineachaidh ri fhaighinn do dh'ùghdarrasan ionadail a gheibh iarrtas 'son làn-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Bha seo ann am freagairt ri ceist a thog am ball-pàrlamaid Làbarach Rhoda Ghrannd Diciadain mun taic a tha ri fhaighinn do chomhairlean a gheibh iarrtas dhan t-seòrsa.

Fo Achd nan Cànanan Albannach 2025, tha cothrom aig pàrantan, Comann nam Pàrant (Nàiseanta), is Bòrd na Gàidhlig iarraidh air ùghdarras ionadail ann an àite sam bith ann an Alba coimhead air sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Ged a bheireadh seo air comhairlean measadh a dhèanamh, tha ceistean ann fhathast a thaobh cho èifeachdach 's a bhios e a thaobh sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gu bheil taic ri fhaighinn bho dhiofar àitichean, le Prògram Tasgaidh Oighreachd nan Sgoiltean, prògraman calpa nan comhairlean fhèin, agus Maoin Chalpa nan Sgoiltean Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba nam measg.

"Miann" airson campas Gàidhlig an Comar nan Allt

Jamie Hepburn ann am Pàrlamaid na h-AlbaTùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Jamie Hepburn BPA

Thàinig ceist a bharrachd bhon BhPA Jamie Hepuburn, a tha a' riochdachadh Chomar nan Allt agus Cill Saidhe.

Thog esan air mar a tha foghlam na Gàidhlig air soirbheachadh ann am Bun-sgoil Chondobhrait agus Àrd-sgoil Ghreenfaulds san sgìre.

Thuirt e ge-tà gu bheil miann sa choimhearsnachd airson làn champas Gàidhlig do chloinn eadar 3-18.

Dh'fhaighnich e an robh an Leas-Phrìomh Mhinistear ag aontachadh gum bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail far a bheil foghlam Gàidhlig ri fhaighinn mar-thà a bhith fosgailte do dh'iarrtasan ùra gus seo a leasachadh.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gun robh i ag aontachadh ris an seo agus gu bheil an fhianais air fad a' dearbhadh nam buannachdan a th' ann do chloinn a gheibh foghlam Gàidhlig eadar 3 agus 18 bliadhna a dh'aois.

Tuilleadh air an sgeulachd seo