A' bhuannachd eaconomach a bu mhotha fhathast an cois HebCelt 2025

- Air fhoillseachadh
Chuir HebCelt air an t-samhradh-sa £4.4m ri eaconomaidh nan Eilean Siar, an t-suim as motha a chruthaich an fhèis-chiùil ann an aon bhliadhna on thòisich i.
Sheall measadh air àireamhan na bliadhna-sa gun do chuir an tachartas £400,000 a bharrachd ris an eaconomaidh ionadail an taca ri 2024, agus cha mhòr £700,000 a bharrachd na chaidh a dhèanamh ann an 2023.
Tha an aithisg eaconomach a' toirt iomradh air na buidhnean a bhios a' cumail taic-airgid riutha - Lewis Wind Power, SSEN, Comhairle nan Eilean Siar, NHS nan Eilean Siar agus gnìomhachasan ionadail, cho math ris a' mhaoineachadh "riatanach" airson trì bliadhna a tha iad a' faighinn bho Alba Chruthachail.
Thuirt Cathraiche HebCelt, Iain MacPhàil: "Aig àm nuair a tha tuilleadh 's chòir de dh'fhèisean air feadh Bhreatainn a' dùnadh neo a' fulang ghearraidhean agus dùbhlain mhòra, tha HebCelt a' sealltainn gun gabh fàs tighinn air tachartas cultarail fhathast le taic sheasmhach."
The Saw Doctors air ainmeachadh 'son HebCelt 2026
- Air fhoillseachadh18 An t-Samhain
Buannachd £12m às an HebCelt
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach
HebCelt 'as soirbheachaile riamh'
- Air fhoillseachadh24 An t-Iuchar
'S e HebCelt an treas fèis as motha de a leithid an Alba, an dèidh TRNSMT agus Belladrum.
Fhuair an fhèis moladh airson oidhirp gun cus sgudail adhbharachadh agus gus eimiseanan càrboin a lùghdachadh le bhith a' cleachdadh cumhachd ath-nuadhachail airson goireasan a ruith.
Thathar a' tomhas gum bi HebCelt air còrr air £40m a chur ri eaconomaidh nan Eilean Siar nuair a bhios an 30mh fèis ga cumail ann an 2027.
Bidh an còmhlan Èireannach ainmeil, The Saw Doctors, am measg nam prìomh luchd-ciùil aig fèis 2026, còmhla ri The Tumbling Souls, Peatbog Faeries, Michelle McManus agus The Blackhearts.
Thig fios fhathast mu dhà ainm mhòr eile a bhios a' nochdadh.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo, taobh a-muigh.