🌐 AI搜索 & 代理 主页

"Tha sinn an dòchas gun sàbhail e an t-uabhas dhuinn"

Cobhair Bharraigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cobhair Bharraigh a' toirt cothroim do luchd-cùraim faochadh fhaighinn bhon dleastanasan aca

  • Air fhoillseachadh

Fhuair togalach charthannais am Barraigh a tha a' cumail taic ri luchd-cùraim siostam teasachaidh cho math ri uinneagan agus dorsan ùra airson a dhèanamh nas èifeachdaiche a thaobh cumhachd.

Tha dùil gun cuir na leasachaidhean bliadhnaichean ri seasmhachd an togalaich aig Cobhair Bharraigh, agus gun tig sàbhalaidhean mòra nan cois.

Rinneadh an obair mar phàirt de Phròiseact Carbon Neodrach nan Eilean, a tha le amas Barraigh agus Bhatarsaigh a dhèanamh carbon neodrach ro 2040.

Chaidh am pròiseact a chur air chois le Riaghaltas na h-Alba ann an 2021.

A thuilleadh air Barraigh agus Bhatarsaigh, tha Ìle, Ratharsair, Yell, Hoy agus Cumaradh Mòr an sàs ann.

David MacNeill
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Daibhidh MacNèill gur e "targaid gu math àrd-amasach" Barraigh is Bhatarsaigh a dhèanamh carbon neodrach ro 2040

Tha conaltradh le coimhearsnachdan air a bhith mar phàirt chudromach dhen phròiseact.

Thuirt Daibhidh MacNèill, Oifigear Leasachaidh a' phròiseict ann am Barraigh agus Bhatarsaigh, gur e togalaichean coimhearsnachd agus mar a tha iad gan ruith aon de na prìomh rudan a chaidh a thogail sa chonaltradh leis a' choimhearsnachd an sin.

Thuirt e: "Tha sinne mar sin air fòcas a chur sa chiad àite air na togalaichean coimhearsnachd."

'S e an togalach aig Cobhair Bharraigh a' chiad togalach coimhearsnachd a tha air buannachd fhaighinn bhon phròiseact.

Fhuair iad panailean grèine le siostam teasachaidh an togalaich air a cheangal riutha, uinneagan agus dorsan a-muigh, agus seada agus bataraidhean gus cumhachd a stòradh.

Margaret Ann Beggs
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Margaret Ann Beggs an dòchas gun tèid aca air airgead nach beag a shàbhaladh an cois na h-obrach

Tha Cobhair Bharraigh a' lìbhrigeadh sheirbheisean cùraim agus tha e riatanach gum bi an togalach aca comhfhurtail agus seasmhach don luchd-obrach agus an fheadhainn ris a bheil iad a' cumail taic.

Tha Manaidsear Cobhair Bharraigh, Margaret Anne Beggs, ag ràdh gu bheil iad gu math taingeil airson na h-obrach a chaidh a dhèanamh.

"Cha do chosg e sgath dhuinne ach tha sinn an dòchas anns na bliadhnaichean romhainn gun sàbhail e an t-uabhas dhuinn," thuirt i.

"Tha 25 bliadhna ann bho dh'fhosgail sinn agus tha fios againn gum bi na h-uinneagan an seo airson 25 bliadhna eile agus 's e deagh, deagh rud a tha sin."

Bataraidhean
Fo-thiotal an deilbh,

Tha bataraidhean a' stòradh cumhachd bho na panailean-grèine

Tha obair mhòr air thoiseach fhathast gus Barraigh agus Bhatarsaigh a dhèanamh carbon neodrach ro 2040.

"'S e targaid gu math àrd-amasach a th' ann airson eileanan," thuirt Daibhidh MacNèill.

"Tha tòrr rudan a' tighinn a-steach ann, an leithid seirbheis nan aiseagan, an t-seirbheis adhair, agus mar a tha fearann air a chleachdadh.

"Feumaidh sinn rudan ùr-ghnàthach fheuchainn cho math ri rudan nas fhollaisiche, an leithid obair air togalaichean coimhearsnachd."

Thuirt Daibhidh gu bheil ceanglaichean le pròiseactan eile gu math cudromach cuideachd, an leithid Muir is Tìr a tha a' dèanamh rannsachaidh air an làthach sàille a bhios a' stòradh carboin gu nàdarra.

"Faodaidh sinn fiosrachadh fhaighinn bho leithid de phròiseactan, agus cothroman a lorg gus co-obrachadh a dhèanamh," thuirt e.